Carthannas

Bha daoine bochda a' faotainn airgead, ùine agus eòlas bho dhaoine agus bho bhuidhnean carthannach gus an cuideachadh a' dèiligeadh ri bochdainn. Bha a' mhòr-chuid dhe na buidhnean carthannais a' creidsinn ann an fèin-chuideachadh agus dhen bheachd gum bu chòir foghlam a thoirt do dhaoine bochda airson gum biodh am beatha nas fheàrr, agus airson piseach a thoirt orra fhèin cuideachd. Bheireadh na buidhnean carthannais dhaibh am 'foghlam' sin'. Bha mòran dhe na buidhnean carthannais co-cheangailte ri creideamh. Bha daoine carthannach gam faicinn fhèin mar fheadhainn a bha a' dèanamh 'obair Dhè' ann a bhith a' cuideachadh nam bochd.

Buidhnean carthannais agus an cobhair a thug iad seachad
Buidheann carthannaisCuideachadh
Thomas BarnardoDachaighean do dhilleachdain
Octavia HillNeach-seilbh le taighean matha
RSPCCCuideachadh do chlann is do dhilleachdain
Salvation ArmyColoinidhean obrach airson gun ionnsaicheadh daoine bochda sgilean beatha agus sgilean ùra