Beachdan air daoine bochda

Bha Riaghaltas Bhreatainn ag obrachadh a rèir prionnsapal 'laissez faire'. B' e sin an creideas nach bu chòir dhan riaghaltas a bhith an sàs ann an cùisean bochdainn is cruadail. Bha daoine beairteach dhen bheachd gun robh na daoine bochda mì-fhortanach ach gun robh iad nam pàirt do-sheachanta dhen chomann-shòisealta.

Bhidio Slàinte a' Phobaill agus an riaghaltas

Bha creideas ann gur e leisg, misg agus dìth moraltachd a bha ag adhbhrachadh bochdainn. Bha mòran dhen bheachd gum bu chòir fèin-chuideachadh, sin uallach a bhith air gach duine fa leth coimhead às dèidh an seasamh agus am beòshlaint fhèin, a bhrosnachadh.

Bhathar a' sùileachadh gun toireadh daoine iad fhèin a-mach à bochdainn tro fhoghlam agus obair chruaidh.