Buaidh air taghaidhean

Am Pàrtaidh Làbarach a' dol am meud

Ann an taghadh 1918 bhuannaich am Pàrtaidh Làbarach trian de bhòtan Alba, agus ann am meadhan nan 1920an, bha am Pàrtaidh Làbarach air àite nan Libearalach a ghabhail thairis mar aon dhen dà phàrtaidh phoilitigeach mhòr san dùthaich.

Bidh cuid ag ràdh gun deach am Pàrtaidh Làbarach am meud gu mòr ann an Alba air sgàth Red Clydeside ach bha iomadh adhbhar eile ann airson mar a chaidh am Pàrtaidh Làbarach am meud gu mòr agus gu h-obann. Nam measg sin bha Achd Ath-leasachaidh 1918 a thug còir bhòtaidh dhan h-uile fear os cionn 21 agus dhan h-uile boireannach os cionn 30.

Cuideachd, bha an ILP agus am prìomh Phàrtaidh Làbarach co-cheangailte gu dlùth ann an inntinn bhòtairean ùra a' chlas-obrach. Bha an ILP agus am Pàrtaidh Làbarach le chèile ag iomairt airson leasachadh ann an taigheadas agus ann an slàinte an dèidh a' chogaidh, agus bha am fòcas aca air cùisean ionadail. Bha sin na adhbhar mòr airson soirbheachadh a' Phàrtaidh Làbaraich sna 1920an.

Crìonadh a' Phàrtaidh Libearalaich

Fhuair am Pàrtaidh Làbarach cuideachd buannachd bho chrìonadh a' Phàrtaidh Libearalaich, rud a chaidh adhbhrachadh air sgàth 's gun do ghabh Breatainn pàirt sa Chaidh Chogadh Mòr. Bha prìomh chreideasan aig cridhe a' Phàrtaidh Libearalaich, agus b' e fear dhiubh sin nach bu chòir dhan stàit mòran gnothaich a ghabhail ri beatha dhaoine bho latha gu latha. Mar a chaidh an cogadh air adhart, bha an riaghaltas a' gabhail barrachd is barrachd gnothaich ri dè dh'fhaodadh daoine a dhèanamh agus dè nach fhaodadh. Lagaich na h-argamaidean taobh a-staigh a' phàrtaidh am buidheann agus chaill luchd-obrach a' phàrtaidh am misneachd.

Bha sgaradh cuideachd sa Phàrtaidh Libearalach air sgàth co-fharpais eadar am Prìomh Mhinistear Asquith agus am fear a chaidh na àite, David Lloyd George. Chuir an taghadh às dèidh a' chogaidh às dha na Libearalaich mar phàrtaidh cumhachdach, aonaichte.

Fhuair am Pàrtaidh Tòraidheach buannachd bhon eagal a bh' air meadhan-chlas agus bàrr-chlas Alba le bhith a' smaoineachadh gur iadsan a-mhàin a-nis a b' urrainn am math a dhìon seach nach robh na Libearalaich a-nis nam buidheann èifeachdach. Dhan mheadhan-chlas a bha fo uallach, bha na thachair air Red Clydeside cha mhòr na dhearbhadh gun robh ar-a-mach comannach an impis tachairt. Fhuair na Tòraidhean buannachd cuideachd seach gun robh iad air am faicinn mar phàrtaidh airson lagh agus òrdugh, gu h-àraidh an dèidh na thachair ann an Ceàrnag Sheòrais.

Move on to Test
next