Blàr Ceàrnag Sheòrais

Bha an dara ìre de Red Clydeside ann an dèidh dhan chogadh crìochnachadh. Bha stailcean agus còmhstri ann eadar luchd-obrach agus na poilis. Rinn sin uallach dhan riaghaltas gun fhios nach robh ceannardan nan stailcearan ag ullachadh airson ar-a-mach a thòiseachadh ann am Breatainn.

An dèidh a' chogaidh, thòisich luchd-obrach ann an gnìomhachasan air feadh Bhreatainn a' gabhail dragh mun obair aca. Thuig iad gun tug an cogadh piseach airson greiseag air gnìomhachasan aig an robh duilgheadasan ron chogadh, agus mar a bha factaraidhean armachd a' dùnadh, bha luchd-obrach ann an gnìomhachas ann an co-fharpais airson obraichean ri mìltean shaighdearan a bha a' tilleadh.

Comataidh Luchd-obrach Chluaidh a' togail fianais

Air Chluaidh, bha an CWC os cionn iomairt gus seachdain na h-obrach a lùghdachadh bho 54 uairean gu 40 uair gus obraichean a chruthachadh dha na saighdearan a bha a' tilleadh às a' chogadh. Stèidhich an CWC Gluasad nan Ceathrad Uair a Thìde aig coinneamh dhe na stiùbhardan obrach ann an gnìomhachas nan gàrraidhean-iarainn agus ann an innleadaireachd san Fhaoilleach 1919. An uair sin ghairm iad stailc agus thog iad fianais mhòr ann an Ceàrnag Sheòrais ann an Glaschu air Dihaoine 31 Faoilleach 1919.

Daoine a' sabaid ann am Blàr Ceàrnag Sheòrais
Blàr Ceàrnag Sheòrais

Nuair a chaidh àireamh an t-sluaigh gu 90,000, ghabh na h-ùghdarrasan uallach agus thòisich còmhstri eadar an luchd-casaid agus na poilis. Sgaoil a' chòmhstri air feadh meadhan Ghlaschu an dèidh dha na poilis ionnsaigh a thoirt air an t-sluagh leis na batain aca.

Chaidh innse dhan riaghaltas gum faodadh an sluagh a dhol nan gràisg airson ar-a-mach gu math luath, agus ghabh an riaghaltas barrachd uallaich nuair a fhuair iad aithris gun deach bratach dhearg fhaicinn am measg an t-sluaigh. Bha Ar-a-mach na Ruis air tachairt dìreach 14 mìosan roimhe sin, agus dìreach air a' mhìos sin fhèin thachair Ar-a-mach na Gearmailt. Mar sin bha Riaghaltas Bhreatainn gu mòr dhen bheachd gum feumadh iad rudeigin a dhèanamh.

An riaghaltas agus an luchd-stailc

Chuir an riaghaltas còrr is 12,000 saighdear Sasannach an sàs gus rian a thoirt air cùisean. Bha sia tancaichean rim faotainn cuideachd agus chaidh ionadan a stèidheachadh sa bhaile airson ghunnachan.

An taobh a-staigh de sheachdain dhen bhlàr ann an Ceàrnag Sheòrais, bha an stailc seachad agus bha rèite ann stèidhichte air seachdain obrach de 47 uairean. Bha seo na bhuaidh dhan luchd-obrach sa gheàrr-ùine, ach cha tug e mòran dùbhlain do dh'obair nan ceannardan.

Chan eil mòran fianais ann gun robh ceannardan nan stailcean agus an luchd-togail-fianais riamh am beachd an aghaidh a thoirt air ùghdarras Riaghaltas Bhreatainn. Dhan mhòr-chuid dhen luchd-stailc agus dhen luchd-aimhreit air Chluaidh bha uallach orra mu thuarsatal, mu chùmhnantan-obrach agus mu mhàil nach robh cothromach. B' e glè bheag dhiubh a bha a' smaoineachadh air ar-a-mach.

Chaidh ballrachd san ILP suas an dèidh na thachair ann an Ceàrnag Sheòrais. Bha coltas gun tug an cogadh, stailcean a' mhàil agus ìomhaigh Red Clydeside buaidh radaigeach air bhotairean timcheall Ghlaschu.