Buaidh a' chogaidh air leasachaidhean poilitigeach

Ann an 1914, b' e am Pàrtaidh Libearalach am pàrtaidh poilitigeach a bu chumhachdaiche a bh' ann an Alba, ach ann an 1918 bha sgaradh ann. Bha am Pàrtaidh Làbarach Neo-eisimeileach, (ILP: Independent Labour Party) gu math làidir air taobh an iar Alba, agus cha b' fhada gus am biodh am priomh Phàrtaidh Làbarach air fear dhen dà phàrtaidh mhòr. Aig an àm sin cuideachd thòisich am Pàrtaidh Tòraidheach a' tàladh bhòtairean bho na meadhan-chlasan a bha a' fuireach sna mòr-bhailtean.

Chaidh an ILP a stèidheachadh le Keir Hardie, mèinnear à Alba aig deireadh nan 1880an. B' e am pàrtaidh sin aon phàirt dhe na diofar bhuidhnean bhon deach a' Chomataidh Riochdachaidh Làbarach, (LRC: Labour Representation Committee) a stèidheachadh ann an 1900. Thàinig an LRC gu bhith air aithneachadh mar am Pàrtaidh Làbarach.

Pàrtaidhean poilitigeach

Nuair a thòisich an cogadh ann an 1914, chuir am prìomh Phàrtaidh Làbarach taic ri oidhirp a' chogaidh agus ghabh iad fiù 's pàirt ann an riaghaltas a' cho-bhanntachd ann an 1916. Bha an ILP gu cunbhalach an aghaidh Breatainn a bhith a' gabhail pàirt sa chogadh. Cha robh poileasaidhean a' phrìomh Phàrtaidh Làbaraich cho radaigeach ri poileasaidhean an ILP agus mu dheireadh dhealaich an dà phàrtaidh sna 1920an.

Thug radaigeachd ann am poilitigs ann an Alba buaidh mhòr air na prìomh phàrtaidhean poilitigeach, agus thòisich mòran bhòtairean air taic a thoirt dhan ILP no dhan Phàrtaidh Làbarach mar dhòigh air a dhol an aghaidh nan seann dòighean. Thug an radaigeachd cuideachd buaidh air daoine nach robh ag iarraidh atharrachadh na Tòraidhean, no Conservatives.

Thug na thachair air Red Clydeside dòchas do dhaoine a bha ag iarraidh atharrachadh ann an comann-sòisealta Alba, agus bha e na phrìomh adhbhar airson na radaigeachd ann am poilitigs Alba.