Glaodhach Obar Bhrothaig agus Cùmhnant Dhùn Èideann-Northampton

Lean Brus agus an luchd-taic aige orra a' sabaid airson neo-eisimeileachd do dh'Alba. Bha iad a' dol air ruaig a cheann a tuath Shasainn agus chuir e a bhràthair, Eideard Brus, a shabaid an aghaidh nan Sasannach ann an Èirinn.

Buaidh Brus

Glaodhach Obar Bhrothaig

Ìomhaigh de Raibeart Brus le chlaidheamh aig Caisteal Shruighlea
Raibeart Brus

Thuig Brus gum feumadh e neo-eisimeileachd Alba a dhèanamh tèarainte tro dhioplòmasaidh.

An toiseach dh'fheumadh e taic fhaighinn bhon eaglais. Ann an 1320, chuir uaislean Alba litir chun A' Phàp Iain XXII ag argamaid airson saorsa do dh'Alba bho Shasainn. Thàinig an litir gu bhith aithnichte mar 'Glaodhach Obar Bhrothaig' agus bha e cudromach oir:

  • Bha e a' mìneachadh carson a bu chòir do dh'Alba a bhith neo-eisimeileach.
  • Sheall e gun robh na h-uaislean taiceil do Bhrus mar rìgh.

Cùmhnant Edinburgh-Northampton

Bha Eideard II na rìgh lag agus chaidh an crùn a thoirt bhuaithe ann an 1327. Chaidh Eideard III, a bha na phàiste aig an àm, a chrùnadh mar Rìgh Shasainn. Rinn Brus feum dhen àm mhì-stèidheil sin airson feachd ionnsaigh a chur a Shasainn. Mar thoradh air an sin, b' fheudar do Shasainn fosadh iarraidh.

Ann an 1328, shoidhnig an dà thaobh Cùmhnant Dhùn Èideann-Northampton. Thuirt an Cùmhnant seo gum biodh:

  • Raibeart Brus air aithneachadh mar Rìgh Alba.
  • Alba gu cinnteach neo-eisimeileach.