Bha Raibeart Brus ag iarraidh neo-eisimeileachd is crùn Alba. Nuair a thug e buaidh air Sasainn, chuidich sin le Glaodadh Obar Bhrothaig is Cùmhnant Dhùn Èideann-Northampton.
Ann an 1314, bha Brus air a h-uile caisteal ann an Alba, ach a-mhàin Sruighlea agus Bearaig, a ghlacadh air ais bho na Sasannaich.
Aig an àm sin cuideachd bha Eideard Brus a' cur Caisteal Shruighlea fo shèist. Bha comanndair Sasannach a' chaisteil air aontachadh gun gèilleadh e ro Latha Meadhan an t-Samhraidh 1314, mura biodh Eideard II air an sàbhaladh.
Blàr Allt a' Bhonnaich (23mh-24mh An t-Ògmhios 1314)
Latha Meadhan an t-Samhraidh, bha armailt à Sasainn air ruigheachd dìreach deas air Sruighlea leis an Rìgh Eideard II os an cionn. Ach bha feachdan Bhrus ann an toiseach agus air suidheachadh na b' fheàrr a thaghadh.
Chuir Eideard II dà bhuidheann coimhid air thoiseach air a' phrìomh armailt.
Lorg buidheann Iarla Hereford Brus agus e a' sgrùdadh nam feachdan aige. Thug Henry de Bohun, ridire Sasannach, ionnsaigh air Rìgh Alba, ach mharbh Brus e le buille dhen tuagh aige.
Thug an còrr dhe na fir aig Brus air Hereford tilleadh a champa Shasainn.
Shabaid Iarla Mhoireibh ris an dara buidheann agus thill e iad.
Feasgar, ghluais Eideard II an armailt aige agus sheatlaig iad faisg air Allt a' Bhonnaich airson na h-oidhche.
An-ath-mhadainn, chaidh Armailt Alba, a bha na bu lugha, ann an òrdugh batail agus choinnich iad ri Armailt Shasannach a bha caran mì-rianail. Cha mhòr nach robh e do-dhèanta do dh'eachraidh Shasainn gluasad air an talamh bhog.
Ghluais Armailt Alba air adhart ann an trì 'sioltronan' fa leth. Cha b' urrainn do ridirean Shasainn sabaid air ais gu h-èifeachdach agus fhad 's a chùm iad orra a' riasladh ri faighinn thairis air an talamh bhog, phut na h-Albannaich air ais iad mean air mhean.
Cha b' urrainn do bhoghadairean Shasainn àite math a lorg airson ionnsaigh a thoirt air na h-Albannaich. Thug eachraidh Alba ionnsaigh orra agus chaidh an ruagadh far a' bhlàir.
Bhris sioltronan Alba tro Armailt Shasainn agus thàinig tuilleadh fheachdan Albannach a-nuas Beinn Coxet airson cuideachadh. Thàinig air Armailt Eideird II ratreut a dhèanamh agus teiche.
B' ann air èiginn a fhuair Eideard II teiche a Dhùn Bàrr agus an uair sin a Shasainn.