Strì Raibeirt agus buaidh air na bha na aghaidh ann an Alba

Murt Chuimein

Bha Brus agus Iain Cuimein, a chleachd a bhith na Urrasair, air a bhith a' smaoineachadh air mar a bu chòir Alba a riaghladh greis mus do choinnich iad ann an Eaglais nam Manach Liath, ann an Dùn Fris, air 10 Gearran 1306. Chan eil luchd-eachdraidh cinnteach dè dìreach a thachair aig a' choinneimh.

  • Choinnich an dithis uaislean mar fharpaisich agus cha bhiodh cùisean air a bhith uabhasach rèidh.
  • Bha eas-aonta air choireigin ann agus nuair a dh'fhàg am Brusach an eaglais, bha Cuimein air a leòn.
  • Tha cuid de chunntasan ag ràdh gun deach companach Bhrus, Kirkpatrick, air ais dhan eaglais airson a bhith cinnteach gun robh an Cuimein marbh.
  • Tha cunntasan eile ag ràdh gur e am Brusach fhèin a mharbh an Cuimein.
  • Bha Brus air duine a mharbhadh ann an àite naomh. Bha sin a' ciallachadh gun robh e ciontach de naomh-eucoir, sin eucoir an aghaidh na h-eaglais.
  • Mar thoradh air an eucoir sin, chaill Brus an cead comanachaidh. Chuir Am Pàp a-mach às an eaglais Chrìosdail e.
Gràbhaladh de mhurt Iain Chuimein
Gràbhaladh de mhurt Iain Chuimein

Crùnadh Bhrus

Bha taic fhathast aig Brus bho Easbaig Wishart ann an Glaschu. Thug e maitheanas do Bhrus airson na h-eucoir a rinn e agus chuidich e leis a' chrùnadh.

  • Chaidh Brus a chrùnadh mar rìgh air Alba air 25 Màrt 1306.
  • Chaidh a chrùnadh ann an Sgàin, am baile anns am biodh rìghrean Alba gan crùnadh.
  • Cha robh ach beagan dhen luchd-taic aige an làthair agus b' i Ban-Iarla Bhuchan a bha os cionn chùisean.
  • Chaidh an crùnadh air adhart às aonais Lia Fàil agus Seudan Crùn Alba.
Crùnadh Raibeirt I, snaigheadh a' sealltainn a' chrùn gus a dhol air a cheann
Crùnadh Raibeirt I, snaigheadh a' sealltainn a' chrùn gus a dhol air a cheann

Call

Cha robh mòran taic aig Brus. Chaidh grunn nithean na aghaidh sa chiad mhìosan a bha e na rìgh.

  • Aig Coille Mheithinnidh san t-Ògmhios 1306, chaidh Brus a chur fodha le Armailt Shasannach agus chaidh mòran a mharbhadh.
  • Aig Dail Ruighe san t-Iuchar 1306, cha mhòr nach deach na bh' air fhàgail de luchd-taic Bhrus a mharbhadh leis an fhear-uasal Albannach, Iain MacDhùghaill.
  • As t-Foghar, 1306, chaidh a bhràthair, Niall Brus, a dhi-cheannadh. Chaidh a bhean, a pheathraichean agus a nighean a chur fo ghrèim san taigh aca. Chaidh aon phiuthar agus Ban-Iarla Bhuchan a chur ann an cèidsichean sa phrìosan.

Theich Brus bho thìr-mòr Alba. Chan eil fhios le cinnt càit an deach e, ged a tha teansa math gun do chuir e an geamhradh seachad air eilean far a' chosta an iar.