Thoir geàrr-chunntas air a' phìos air teanas.
Seo na puingean:
Ma tha ceist a' lorg mion-fhiosrachadh, dèan cinnteach gu bheil am fiosrachadh air fad agad.
Dè am fiosrachadh a tha ann mu bhall-coise?
Tha Sgioba na h-Alba a' cluich an aghaidh na Gearmailt a-nochd aig Pàirc Hampden.
A-rithist, dèan cinnteach gu bheil am fiosrachadh air fad agad. Chì sinn bhon ath cheist nach eil càil a bharrachd a dhìth airson na ceiste seo.
Dè thuirt Manaidsear na h-Alba?
Gun robh e dòchasach gun dèanadh iad an gnothach air a' Ghearmailt.
Smaoinich air na tha thu air a leughadh anns an earrainn air fad.
Inns dè na cuspairean a bha anns gach paragraf?
Paragraf 1 - Poilitigs
Paragraf 2 - Eucoir
Paragraf 3 - Fiosrachadh eadar-nàiseanta / An àrainneachd
Paragraf 4 - Spòrs / Teanas
Paragraf 5 - Spòrs / Ball-coise
Càit am faiceadh tu naidheachdan den t-seòrsa seo?
Tha a' cheist seo ag iarraidh ort beachdachadh air an t-seòrsa teacsa a th' ann. 'S e am freagairt: air làrach-lìn a' BhBC.
'S e naidheachdan goirid a tha seo a tha sgrìobhte gus fiosrachadh a thoirt seachad gu luath. Bhiodh fada a bharrachd fiosrachaidh ri fhaicinn ann am pàipearan-naidheachd. Tha na naidheachdan seo mar a chì thu air làrach-lìn a' BhBC – naidheachdan ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta ach gun a bhith a' toirt seachad ach am prìomh fhiosrachadh.
Chithear cainnt gu math foirmeil anns na naidheachdan. Tagh eisimpleir den seo bhon earrainn.
Tha a' cheist seo a' toirt ort beachdachadh air cainnt na h-earrainn. Seo eisimpleirean de chainnt fhoirmeil a tha a' nochdadh anns an earrainn.
Rannsachadh a chur air bhonn.
Bhathar a' gearan.
Chaidh binn seachd bliadhna a chur.