Seo deich ceistean. Leugh an earrann agus freagair na ceistean.
Dè tha an Riaghaltas air aontachadh?
Rannsachadh a chur air bhonn a thaobh rathad ùr timcheall Loch Liapaig.
'S e am facal aontachadh a tha toirt dhuinn stiùireadh airson a' cheist seo a fhreagairt. Le sin, bidh sinn a' coimhead airson fiosrachadh bhon earrainn a tha gu math faisg air an fhacal seo.
Dè cho fada 's a tha gearanan air a bhith ann mun chùis seo?
Fichead bliadhna.
Co mu dheidhinn a tha na gearanan?
Mu dhroch staid an rathaid.
Dè an ath phìos a bha air na naidheachdan?
Mu fhear à Peairt a bha a' reic dhrogaichean.
Seo brìgh a' phìos. Chì sinn bhon ath cheist nach eil càil a bharrachd a dhìth airson na ceiste seo.
Dè thachair dhan neach seo?
Fhuair e binn seachd bliadhna.
Ciamar a tha fios againn nach b' e seo a' chiad chrith-thalmhainn ann an Sìona?
Tha e ag ràdh gur e seo an dàrna tè.