Neo-ionannachd a thaobh teachd-a-steach

Tha neo-ionannachd a thaobh teachd-a-steach am measg dhaoine a tha aig aois obrach air a dhol an-àirde nas luaithe ann am Breatainn na ann an dùthaich bheairtich sam bith eile. Thàinig àrdachadh mòr air an àireimh de dhaoine a tha a' cleachdadh bancaichean-bìdh thar nam beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh.

Ann an 2005 bha stòras luach £250 billean aig an 1% as beartaiche san dùthaich. Ro 2015, bha seo air a dhol am meud còrr air 100%, a' ruighinn mu £547 billean. 'S ann aig an RA a-nis a tha an àireamh as motha de bhilleanairean am measg an t-sluaigh.

Ann an 2008, bha teachd-a-steach cuibheasach an 10% as beairtiche san RA dìreach fo £55,000 sa bhliadhna. Bha sin mu dhusan uiread teachd-a-steach an 10% as ìsle, aig an robh teachd-a-steach cuibheasach de £4,700 sa bhliadhna.

Ann an Alba, chan eil an 30% aig a' bhonn a' cosnadh ach 14% de theachd-a-steach na dùthcha. Air an làimh eile, tha an 30% as beairtiche a' faighinn còrr agus leth. Tha teaghlaichean a tha anns na trì roinnean-cosnaidh as ìsle a' cosnadh timcheall air £220 san t-seachdain. Tha an fheadhainn anns na trì roinnean-cosnaidh as àirde a' cosnadh mu £630 san t-seachdain.

Taighean falamh le sgudal air a chaitheamh air falbh
Taighean falamh le sgudal air a chaitheamh air falbh

Tha e cudromach a thuigsinn nach eil aon mhìneachadh shònraichte ann airson 'bochdainn' no 'dìth'. Tha diofar eadar fìor bhochdainn (absolute poverty), leithid na tha ri fhaicinn ann an dùthchannan fo leasachadh, agus bochdainn choimeasach (relative poverty) far nach eil daoine cho math dheth an coimeas ri cuid eile. Tha bochdainn choimeasach nas cumanta san RA. A rèir staitistearachd bho Roinn na h-Obrach agus nam Peinnsean airson 2011-12, bha 300,000 leanabh beò ann am fìor bhochdainn. Tha an àireamh sin gu math nas lugha na clann ann an dùthchannan fo leasachadh.

Tha mòran bhuidhnean ag ràdh gu bheil cuideigin ann am bochdainn choimeasach nuair a tha an teaghlach aca a' cosnadh nas lugha na 60% dhen teachd-a-steach ghnàthach. A rèir àireamhan tuairmsichte, bha teachd-a-steach cuibheasachd an dèidh chìsean aig £25,600 ann an 2014/15. Tha sin an ìre mhath an coimeas ris an ìre aig an robh e ron lùghdachadh eaconomaigeach ann an 2007/08 (£25,400). Stòr: Oifis an Staitistig Nàiseanta