Ainmearan leis an alt

Ainmearan leis an alt

5. An tuiseal ainmneach iolra - a' cleachdadh na no na h-.

Ann an Gàidhlig bidh sinn a' cleachdadh na no na h- air beulaibh ainmear iolra.

Tha na air a chleachdadh an uair a tha an t-ainmear a' tòiseachadh le connrag.

Tha na h- air a chleachdadh an uair a tha an t-ainmear a' tòiseachadh le fuaimreag.

Clàr den tuiseal ainmneach iolra - a' cleachdadh na no na h-

An tuiseal ainmneach iolra, a' cleachdadh na no na h-
Cruth neo-shònraichteCruth sònraichte
boireannaichna boireannaich
caileaganna caileagan
glainneachanna glainneachan
pòcaideanna pòcaidean
seacaideanna seacaidean
uisgeachanna h-uisgeachan
adhbharanna h-adhbharan
aibhnicheanna h-aibhnichean
oilthigheanna h-oilthighean
ospadalanna h-ospadalan
eisimpleireanna h-eisimpleirean