1. An t-alt an anns an tuiseal ainmneach shingilte.
Clàr den t-alt an air a chleachdadh le faclan boireann a' tòiseachadh le fuaimreag (a, e, i, o, u)
Cruth neo-shònraichte | Cruth sònraichte |
---|---|
aibidil | an aibidil |
aghaidh | an aghaidh |
eaglais | an eaglais |
eala | an eala |
ìne | an ìne |
inntinn | an inntinn |
òrdag | an òrdag |
osag | an osag |
uaimh | an uaimh |
uèir | an uèir |
Tha an t-alt an air a chleachdadh le faclan fireann a' tòiseachadh le c, g, agus s
Cruth neo-shònraichte | Cruth sònraichte |
---|---|
cleasaiche | an cleasaiche |
cliabh | an cliabh |
gruth | an gruth |
grùthan | an grùthan |
sluagh | an sluagh |
soitheach | an soitheach |
Clàr den t-alt an air a chleachdadh le faclan fireann (f) agus boireann (b) a' tòiseachadh le d, l, n, r, agus t
Cruth neo-shònraichte | Cruth sònraichte |
---|---|
dòchas (f) | an dòchas |
lòn (f) | an lòn |
neach (f) | an neach |
reothadh (f) | an reothadh |
trosg (f) | an trosg |
dìleab (b) | an dìleab |
lèine (b) | an lèine |
nighean (b) | an nighean |
rèis (b) | an rèis |
targaid (b) | an targaid |
Clàr den t-alt an air a chleachdadh le faclan boireann a' tòiseachadh le s, ach chan eil leis an fheadhainn a tha a' tòiseachadh le sl, sn, sr, or s+ fuaimreag
Cruth neo-shònraichte | Cruth sònraichte |
---|---|
sgeulachd | an sgeulachd |
sgait | an sgait |
sgealbag | an sgealbag |
sgiath | an sgiath |
smuain | an smuain |
spèil | an spèil |
spiris | an spiris |
strì | an strì |
stoidhle | an stoidhle |
Clàr den t-alt an air a chleachdadh le faclan boireann a' tòiseachadh le f + fuaimreag. Tha iad cuideachd a' faighinn h ron fhuaimreig
Cruth neo-shònraichte | Cruth sònraichte |
---|---|
faiceall | an fhaiceall |
fàilte | an fhàilte |
fearg | an fhearg |
fèill | an fhèill |
fiacail | an fhiacail |
fois | an fhois |
fuaimreag | an fhuaimreag |
fuil | an fhuil |