A' coimeas sgaoilidhean

Tha claonadh àbhaisteach na thomhas cudromach air sgaoileadh.

Nuair a bhios tu a' coimeas sgaoilidhean, tha e nas fheàrr tomhas sgaoilidh (leithid claonadh àbhaisteach no leth-raon eadar-chairtealach) a chleachdadh a bharrachd air a bhith a' tomhas buailteachd meadhain leithid (cuibheas, meadhan no mòd).

Mar eisimpleir, tha nàdar an dà sheata-dàta a leanas glè eadar-dhealaichte, ach tha an aon chuibheas, an aon mheadhan agus an aon raon aca. Bhiodh e feumail tomhas àireamhach air choreigin a bhith ann a dhèanadh sgaradh eatarra.

1, 7, 12, 15, 20, 22, 28

1, 15, 15, 15, 15, 16, 28

Tha claonadh àbhaisteach a' chiad sheata gu math nas motha na tha claonadh àbhaisteach an dara seata (tha barrachd sgaoilidh mun cuairt a' chuibheas sa chiad sheata-dàta).