Aithisg Beveridge

William Beveridge aig deasg
William Beveridge

Bha William Beveridge na eòlaiche air poileasaidh sòisealta. Bha e air obrachadh còmhla ris an Riaghaltas Libearalach toiseach nan 1900an, agus chuidich e iad gu bhith a' toirt air adhart nam poileasaidhean leasachaidh agus sòisealta aca.

Aig àm a' chogaidh, chaidh Beveridge fhastadh mar cheannard air comataidh air an robh dleastanas rannsachadh a dhèanamh air sochairean sòisealta ann am Breatainn.

Còig duilgheadasan

Chomharraich a' chomataidh aig Beveridge còig phrìomh dhuilgheadasan a bha a' cur bacadh air daoine bho bhith a' dèanamh beatha na b' fheàrr dhaibh fhèin:

  • Dìth (air adhbhrachadh le bochdainn).
  • Aineolas (air adhbhrachadh le cion foghlaim).
  • Salchar (air adhbhrachadh le droch thaigheadas).
  • Dìomhanas (air adhbhrachadh le cion obraichean, no comas obair fhaighinn).
  • Tinneas (air adhbhrachadh le cùram slàinte nach robh math gu leòr).

An aithisg

Chaidh aithisg na comataidh Report on Social Insurance and Allied Services fhoillseachadh san Dùbhlachd 1942. Tha sinn eòlach air an aithisg mar Aithisg Beveridge.

Mhol an aithisg na leanas:

  • Gum pàigheadh daoine le obair sùim choitcheann gach seachdain. Bha seo airson pàigheadh a-steach do mhaoin àrachais. Bhiodh gach sùim aig an aon reat dhan h-uile duine.
  • Gheibheadh daoine gun obair sochair fhad 's a bha feum aca air.
  • Bheireadh iad a-steach, no bheireadh iad piseach air peinnsean do sheann daoine, taic-airgid màthaireil, taic-airgid tiodhlacaidh, peinnsean do bhanntraichean agus do dhaoine a chaidh a leòn nan obair.
  • Sochairean Teaghlaich a stèidheachadh.
  • Seirbheis Nàiseanta Slàinte a stèidheachadh.

Gus feuchainn ris na 'Còig Duilgheadasan' fhuasgladh, chaidh an Stàit Shochairean a stèidheachadh fon Riaghaltas Làbarach.

Move on to Test
next