Raiseanadh

Raisean bho àm an Dara Cogaidh
Raisean bho àm an Dara Cogaidh

'S e eilean a th' ann am Breatainn. Nuair a thòisich an Dara Cogadh Mòr, bha an àireamh-sluaigh air fàs cho mòr agus nach robh talamh tuathanachais gu leòr ann airson an àireamh dhaoine a bha a' fuireach ann a chumail. Chaidh an duilgheadas fhuasgladh le bhith a' toirt mòran bathair a-steach bho dhùthchannan na h-Ìmpireachd.

Dh'fheuch Riaghaltas na Gearmailt ri stad a chur air bathar bho bhith a' tighinn a-steach a Bhreatainn air a' mhuir. Sgrios bàtaichean-aigil na Gearmailt mòran de bhàtaichean marsanta Bhreatainn ann am Blàr an Atlantaig.

Air sgàth 's nach robh uiread de bhiadh san rìoghachd, thòisich an riaghaltas air biadh a raiseanadh ann an 1940:

  • Bha an riaghaltas a' raiseanadh biadh, aodach agus connadh aig àm a' chogaidh.
  • Chan fhaodadh biadh ann an taigh-bìdh barrachd air sùim àraidh a chosg.
  • Bha bainne agus biadh a bharrachd ann do mhàthraichean a bha trom agus aig an robh clann.

Mar a bha biadh air a raiseanadh

Bha raiseanadh na adhbhar air beachdan dhaoine atharrachadh. Seach nach robh cead aig duine ach an aon uiread de bhiadh a cheannach, bha daoine a' faireachdainn gun robh roinneadh agus co-obrachadh ann am Breatainn. Bha daoine a' gabhail ris gun robh an riaghaltas a' gabhail barrachd gnothaich a thaobh slàinte dhaoine agus na bha iad ag ithe.

Taighean-bìdh ann am Breatainn aig àm an Dara Cogaidh