A' mìneachadh ghrafaichean

Tha e cudromach gum bi graf feumail agus gum bi am fiosrachadh soilleir airson a thoirt às.

A' cleachdadh sgèile air axes ghrafaichean

Two line graphs: one with an inappropriate scale and the other with an appropriate scale

Chan eil an sgèile air a' ghraf air an làimh chlì freagarrach. Tha na h-àireamhan a' dol suas nas àirde na dh'fheumas iad air an dà axis. Tha sin a' ciallachadh gu bheil na puingean air am putadh a-steach a phàirt beag dhen ghraf, agus tha e doirbh an leughadh ceart.

Tha sgèile a' ghraf air an làimh dheis a' freagairt air an fhiosrachadh. Tha na puingean a' lìonadh na duilleig gu lèir agus tha e nas fhasa a leughadh.

A graph with unequal axis

Air a' ghraf seo, chan eil na beàrnan air an axis bhuinn co-ionann agus tha e doirbh a leughadh.

Bu chòir do sgèile tòiseachadh aig neoni, no a bhith air an dinneadh ri chèile mar a chì thu air a' y-axis sa ghraf gu h-àrd.