Diagram stoc-is-duilleach

Tha diagram stoc-is-duilleach a' riochdachadh dàta mar àireamhan agus bidh cuideam air far a bheil am figear as brìgheile.

Eisimpleir

Seall an dàta a leanas air diagram stoc-is-duilleach.

36, 49, 37, 23, 54, 26, 29, 22, 37, 28, 20, 47, 56, 28, 59, 32

Sna h-àireamhan seo, 's e figearan nan 'deichean' na figearan as brìgheile. Tha iad sin a' dol bho '2' gu '5'.

Table with heading stem and leaf. Numbers 2, 3, 4, 5 in stem column. Leaf column is blank

Tha an diagram an toiseach air a chur air dòigh mar a chì thu gu h-àrd.

Tha figearan nan aonadan ann a-nis àireamh mu seach

36 - cuiridh sinn 6 ann an loidhne nan '3'.

49 – cuiridh sinn 9 ann an loidhne nan '4'.

37 - cuiridh sinn 7 ann an loidhne nan '3'.

Table with heading stem and leaf

Cùm a' dol tro na h-àireamhan gu lèir.

Table with heading stem and leaf and numbers in both columns

Canar stoc ri àireamh air taobh clì na loidhne.

Canar duilleach ri àireamhan air taobh deas na loidhne.

Faodaidh àireamh sam bith de dhuilleagan a bhith air stoc.

Cuir a-nis na duilleagan ann an òrdugh àireamhail agus cuir ann 'fiosrachadh' airson an diagram. Bidh am fiosrachadh a' coimeas mar a tha àireamh a' nochdadh air an diagram agus mar a bhiodh e air a sgrìobhadh gu h-àbhaisteach.

Table with heading stem and leaf and a key

Question

Chaidh deuchainn matamataig a chomharrachadh a-mach à 50. Tha na comharran aig a' chlas gu h-ìosal:

7, 36, 41, 39, 27, 21

24, 17, 24, 31, 17, 13

31, 19, 8, 10, 14, 45

49, 50, 45, 32, 25, 17

46, 36, 23, 18, 12, 6

Seall an dàta air diagram stoc-is-duilleach.

Stem and leaf diagram to show maths test results out of 50
Question

Bhon diagram stoc-is-duilleach a bh' ann roimhe, cia mheud sgoilear a fhuair còrr air 40?

Bha sgòr còrr air 6 aig 40 neach.

Airson seo obrachadh a-mach, coimhead sìos an stoc chun na sreath leis an leubail ' 4'. Cuimhnich gun cuir thu ann an neach a fhuair 50.

Two rows of the stem and leaf diagram showing how many children scored more than forty.