Clàran-cearcaill

Bidh clàr-cearcaill ga tharraing mar chearcall a sheallas an dàta. Tha 360 ceum sa chearcall agus bidh iad air an roinn a rèir co-chuid gach uiread a tha a' nochdadh.

Eisimpleir

Tha an clàr a leanas a' sealltainn far an deach buidheann sgoilearan airson nan saor-làithean. Tha na toraidhean air an toirt mar cheudadan agus feumar an atharrachadh gu ceuman a thèid a thomhas agus a tharraing mar chlàr-cearcaill.

Ceann-uidheCeudad sgoilearan (%)ObrachadhCeàrn
An Spàinn40 \frac{40}{100} \times 360^\circ 144^\circ
Ameireaga25 \frac{25}{100} \times 360^\circ 90^\circ
An Fhraing5 \frac{5}{100} \times 360^\circ 18^\circ
Alba20 \frac{20}{100} \times 360^\circ 72^\circ
A' Ghrèig10 \frac{10}{100} \times 360^\circ 36^\circ

Mar sin, seo mar a bhios an clàr-cearcaill.

Pie chart showing holiday destinations by popularity

Question

Chaidh iarraidh air sgoilearan ann an clas buinn a shadail. B' e an toradh a bh' ann 13 cinn agus 17 earbaill.

Seall am fiosrachadh seo ann an clàr-cearcaill.

Bhon a tha 30 toradh ann, roinn 360 le 30, agus mar sin tha 12 ceuman anns gach roinn.

Cinn = 13 \times 12 = 156^{\circ}

Earbaill = 17 \times 12 = 204^{\circ}

Pie chart showing results of a coin toss - heads and tails