Sna 1950an agus tràth sna 1960an, chaidh an dàimh eadar na SA agus an t-Aonadh Sòbhieteach bhuaithe. Bha iad an impis a dhol a chogadh air sgàth grunn nithean a thachair, mar Ar-a-mach na h-Ungaire.
Cuin a bha Ar-a-mach na h-Ungaire ann?
1955
1956
1958
Cò mu dheidhinn a bha muinntir na h-Ungaire mì-thoilichte?
Gun robh biadh agus connadh gann.
An t-Arm Dearg a’ toirt ionnsaigh.
Ionnsaigh bho NATO.
Dè dh’fheuch Nagy ri dhèanamh?
Dh’fheuch e ri bhith na dheachdaire.
Dh’fheuch e ris an t-Arm Dearg a chur fodha.
Dh’fheuch e ri Aonta Warsaw fhàgail agus deamocrasaidh a thoirt a-steach.
Cuin a chaidh Balla Bherlin a thogail?
1960
1963
1961
Carson a thog muinntir na Gearmailt an Ear balla ann am Berlin?
Gus muinntir na Gearmailt an Iar a chumail a-mach.
Gus muinntir na Gearmailt an Ear a chumail a-staigh.
Gus stad a chur air malairt.
Dè rinn an taobh an iar mu dheidhinn balla a bhith ga thogail?
Chuir an taobh an iar saighdearan a-steach.
Cha do rinn iad càil.
Ghairm iad cogadh air a’ Ghearmailt an Ear.
Cò chaidh a Bherlin an Iar ann an 1963 airson taic a chur ri muinntir Bherlin an Iar?
An Ceann-suidhe Kennedy
Winston Churchill
Nikita Khrushchev
Cuin a bha Cùis-èiginn Urchraichean Chuba ann?
Dàmhair, 1961
Dàmhair, 1962
Sultain, 1962
Dè dh’adhbhraich Cùis-èiginn Chuba?
Bha arm Chuba a’ bagairt ionnsaigh air na SA.
Chaidh ionadan airson urchraichean Sòbhieteach a losgadh a lorg ann an Cuba.
Bha na SA ag iarraidh Cuba a ghabhail thairis.
Dè na roghainnean a thagh Kennedy rè Cùis-èiginn Chuba?
Chuir e a-steach feachdan armaichte nan SA.
Cha do rinn e càil.
Stèidhich e bacadh-malairt.