Tachartasan rè na cùis-èiginn

14 Dàmhair 1962

Lorg plèan-faire U2 nan SA urchraichean ann an Cuba.

16 Dàmhair 1962

Dh'iarr an Ceann-suidhe Kennedy coinneamh dhen luchd-comhairleachaidh aca – EXCOMM (The Executive Committee of the National Security Council). Bha aig EXCOMM ri co-dhùnadh dè bu chòir a bhith air a dhèanamh. Am measg nan roghainnean bha:

  • Ionnsaigh a thoirt air Cuba.
  • Bacadh-malairt air Cuba gus nach tigeadh an còrr bathair às an USSR.
  • Losgadh bhon adhar air ionadan nan urchraichean.
  • Gun dad a dhèanamh.

22 Dàmhair 1962

Chuir Kennedy roimhe bacadh-malairt a chur air Cuba. Bhruidhinn e air an telebhisean, ag innse gun robh urchraichean Sòbhieteach ann an Cuba.

24 Dàmhair 1962

Thionndaidh bàtaichean Sòbhieteach mus do ràinig iad am bacadh.

26 Dàmhair 1962

Chuir Khrushchev a' chiad litir gu Kennedy. Gheall e gun deigheadh na h-urchraichean a thoirt à Cuba nan deigheadh stad a chur air a' bhacadh.

27 Dàmhair 1962

Mus robh cothrom ann an litir a fhreagairt, chuir Khrushchev an dara litir. Dh'iarr e urchraichean nan SA a thoirt às an Tuirc.

28 Dàmhair 1962

Ghabh Kennedy ris a' chiad litir. Gun fhiosta do dhaoine, chaidh na h-urchraichean a ghluasad às an Tuirc.

Buaidh na cùis-èiginn

Chaidh 'Loidhne Theth Moscow-Washington' a chruthachadh ann an 1963 gus comas a thoirt do cheannardan nam mòr-dhùthchannan bruidhinn gu dìreach ri chèile. Shoidhnig na SA, an USSR agus Breatainn Aonta Casg nan Deuchainnean (Test Ban Treaty) ann an 1963, agus chuir sin casg air deuchainnean air urchraichean niùclasach san àile.

An dèidh seo, thàinig miann air dàimhean nas fheàrr eadar na SA agus an USSR.

Move on to Test
next