Cùis-èiginn Urchraichean Chuba (1962)

Adhbharan airson na cùis-èiginn

Fidel Castro a' bruidhinn às dèidh buaidh san ar-a-mach
Fidel Castro a' bruidhinn às dèidh buaidh san ar-a-mach

Ann an 1959 ghluais fòcas a' Chogaidh Fhuair bhon Roinn Eòrpa gu Meadhan Ameireaga agus gu Cuba. Theab cogadh niùclasach, agus sgrios a bhith air feadh an t-saoghail, air sgàth na cùis-èiginn a thachair mu Chuba san Dàmhair, 1962.

Ar-a-mach comannach (1959)

Fhuair Fidel Castro smachd air Cuba. Dh'òrdanaich Castro gun gabhadh an stàit thairis a h-uile gnìomhachas a bhuineadh dha na SA.

Chuir Castro taic ri comannachd

Tha Cuba 90 mìle à Florada. Bha uallach mòr air Ameireaga gun robh riaghaltas comannach cho faisg oirre.

Mòr-thubaist Bàgh nam Muc (1961)

Air 17 Giblean, chaidh 1,500 fògarrach à Cuba, a bh' air an trèanadh leis an CIA, air tìr ann an Cuba. Bha còir aig Feachd-adhair nan SA na fògarraich a dhìon. Chuir na saighdearan aig Castro fodha arm fògarrach Chuba. Ro 20 Giblean, bha na fògarraich marbh no sa phrìosan.

Castro ag iarraidh cuideachadh bhon USSR

Bha eagal air Castro gun toireadh na SA ionnsaigh eile air Cuba. Thionndaidh e gu na Sòbhietich agus bha iadsan deònach a chuideachadh.