Cùis-èiginn Bherlin (1961)

Adhbharan na cùis-èiginn

Bha barrachd is barrachd eadar-dhealachaidh eadar an dòigh-beatha san Iar agus san Ear. Ann am Berlin an Iar agus sa Ghearmailt an Iar, thàinig an eaconamaidh air adhart gu math. Chaidh mòran obraichean, le pàigheadh reusanta, a chruthachadh.

Ann am Berlin an Ear agus sa Ghearmailt an Ear, bha an suidheachadh eaconamach fada, fada na bu mhiosa na bha e san Iar. Bha biadh agus taigheadas gann, cha robh uiread de dh'obraichean ann agus cha robh am pàigheadh cho math. Cha robh uiread de shaorsa ann nas mò.

Comannachd sa Ghearmailt an Ear

Bha Berlin an Iar mar 'Uinneag dhan Iar'. Bha sin a' ciallachadh gum faiceadh daoine ann am Berlin an Ear mar a bha an dòigh-beatha san Iar. Thòisich daoine a' teiche dhan Iar – 2,000 gach latha bho 1949. Bha mòran dhe na theich nam proifeiseantaich òga, ionnsaichte.

Èiginn U2 (1960)

Air 1 Cèitean 1960, loisg na Sòbhietich air plèan-faire U2 Ameireaganach agus ghlac iad am pìleat, Gary Powers.

Aig Co-labhairt eadar Dhùthchannan ann am Paris, dh'iarr Khrushchev air Eisenhower a ràdh gun robh e duilich. Dhiùlt Eisenhower agus bha Khrushchev cho feargach 's nach deach e chun a' cho-labhairt.

Bha ceannardan Sòbhieteach agus ceannardan na Gearmailt an Ear airson stad a chur air na bha de dh'fhògarraich a' sruthadh dhan Iar. Bha an àireamh a-nis aig 3 millean, le 3,000 a' fàgail gach latha.