Cuairt-thomhas agus farsaingeachd

Bidh a' mhòr-chuid de cheistean air cuairt-thomhas agus air farsaingeachd aig Nàiseanta 5 a' nochdadh ann an suidheachadh a dh'fheumas tu fhuasgladh.

Eisimpleir

Tha gàrradh air chumadh ceart-cheàrnaich le tomhasan de \(16.3\,m\) agus \(12.4\,m\).

Chomharraich an gàirnealair an dà thrastan agus chuir e roimhe sìol feòir a chur ann an aon dhe na ceithir triantain a chaidh a dhèanamh leis an trasnadh.

Tha a' phacaid sìl a' moladh \(30\,g\) de shìol airson gach meatair ceàrnagach.

Dè an cuideam de shìol a dh'fheumas e?

Freagairt

Ma nì thu sgeidse luath (chan e dealbh-sgèile) dhen chumadh, 's dòcha gun cuidich e thu.

Faodaidh tu triantan sam bith a thaghadh oir tha an aon fharsaingeachd annta uile ann an ceart-cheàrnach.

16.3m by 12.4m rectangle. Lines cross in the centre, with the lowest triangular area highlighted

Gabhaidh farsaingeachd an triantain a tha dorcha obrachadh a-mach an dara cuid le \( \frac{1}{4}\,\,\times16.3\,\times\,12.4 = 50.53\,m^{2} \) (stèidhichte air a bhith a' roinn farsaingeachd a' cheart-cheàrnaich le ceithir) no le \( \frac{1}{2}\,\,\times16.3\,\times\,6.2 = 50.53\,m^{2} \) (stèidhichte air \(\frac{1}{2} \times \text{bonn} \times \text{àirde}\) far an e an àirde leth de \(12.4\,m\)).

An cuideam de shìol air a mholadh \( =50.53\,\times 30 = 1515.9\,g\)