Àrdachadh agus lùghdachadh tionalach

Riadh sìmplidh

Le riadh sìmplidh bidh an t-sùim a fhuaradh air iasad a' fuireach an aon rud.

Mar eisimpleir fhuaradh \pounds400 air iasad airson trì bliadhna aig ìre rèidh de 5\% gach bliadhna.

Riadh airson bliadhna  = 5\%\,de\,\pounds400

=\frac{5}{100} \times 400

= \pounds20

Riadh airson 3 bliadhna = 20 \times 3 = \pounds60

Faodaidh tu seo a sgrìobhadh ann an abairt:

P\times R\times T

P (prionnsapal no sùim bho thùs) sùim an iasaid.

R (riadh) ìre rèidh gach bliadhna.

T (tìm) an ùine ann am bliadhnachan.

Riadh fillte

An seo tha an riadh ga chur-ris an t-sùim aig deireadh gach bliadhna. Mar sin san ath bhliadhna, bidh an riadh air obrachadh a-mach air sùim nas motha na bha an t-iasad bho thùs.

Tha seo a' ciallachadh gum bi thu a' pàigheadh riadh air riadh nam bliadhnaichean roimhe (seach le riadh fillte far nach bi thu a' pàigheadh riadh ach air an t-sùim a bh' ann bho thùs).

Seo mar a tha e air obrachadh a-mach:

Fhuaradh \pounds400 air iasad airson trì bliadhna aig ìre rèidh de 5\%.

Sùim an iasaid bho thùs = \pounds400

Riadh sa 1d bhliadhna = \frac{5}{{100}} \times 400 = \pounds20

Sùim an iasaid an dèidh 1 bhliadhna = \pounds420

Riadh san 2ra bliadhna = \frac{5}{{100}} \times 420 = \pounds21

Sùim an iasaid an dèidh 2 bhliadhna = \pounds441

Riadh san 3mh bliadhna = \frac{5}{{100}} \times 441 = \pounds22.05

Sùim an iasaid an dèidh 3 bliadhna = \pounds463.05

'S e \pounds63.05 an t-sùim iomlan a bhios ri phàigheadh le riadh fillte.

Tha seo eadar-dhealaichte bhon riadh shìmplidh a chaidh obrachadh a-mach gu h-àrd.