Employability - Career aspirations

The following passage is about becoming a nurse. Read the text then answer the questions which follow.

1. An do smaoinich thu riamh air nursadh mar dhreuchd? Tha feum mhòr ann an Alba air daoine le tàlantan is comasan sònraichte airson an dreuchd ionmholta seo a dhèanamh agus tha iomadh cothrom ann a dhol a-steach dhan t-saoghal-obrach seo.

2. Ma tha thu airson a bhith nad nurs, feumaidh tu a dhol tron t-seirbheis UCAS a bhios a' dèiligeadh ri iarrtasan airson cholaistean agus oilthighean. Tha colaistean agus oilthighean air feadh na h-Alba a' tabhann chùrsaichean. Feumaidh tu ceum ann an nursadh a dhèanamh a mhaireas trì bliadhna co-dhiù. Ma tha ceum agad ann an cuspair eile mar-thà, 's dòcha gum b' urrainn dhut cùrsa na bu ghiorra a dhèanamh.

3. Faodaidh tu cùrsa a dhèanamh ann an aon de na ceithir roinnean fa leth seo; nursadh do dh'inbhich, nursadh do dhaoine le tinneasan-inntinn, nursadh do chloinn agus nursadh do dhaoine le duilgheadasan ionnsachaidh. Cuideachd tha cùrsa sònraichte ann airson a bhith nad bhean-glùine, far am bi thu a' cuideachadh mhàthraichean a tha an dùil ri leanabh agus an leanabh fhèin às dèidh dha a bhith air a bhreith.

4. 'S e obair dhùbhlanach a th' ann an nursadh glè thric, agus feumaidh nurs a bhith neo-eisimeileach, tuigseach agus taiceil dhan euslainteach agus dhan teaghlach ge b' e dè cho duilich 's a tha an suidheachadh. Feumaidh iad a bhith math air obair ann an sgioba agus comasach air freagairtean practaigeach a lorg do thrioblaidean.

5. Thathar a' moladh gum faighear beagan eòlas-obrach mus tòisich oileanach air a' chùrsa. 'S e sin a rinn Pòl Mac an t-Saoir, nurs coimhearsnachd ann an Dùn Èideann a bhios ag obair còmhla ri daoine nan dachaighean fhèin, daoine le seargadh-inntinn nam measg. "Bha beachd agam gun còrdadh nursadh rium ach cha robh mi buileach cinnteach, agus mar sin chuir mi greis-obrach air dòigh aig dachaigh-cùraim do sheann dhaoine faisg air an taigh agam."

6. "Sgrìobh mi litir thuca a dh'fhaighneachd am b' urrainn dhomh obair shaor-thoileach a dhèanamh còmhla riutha. Dhiùlt iad an toiseach, ach às dèidh faighneachd a-rithist, dh'aontaich iad gum b' urrainn dhomh a dhol a-steach dà fheasgar san t-seachdain."

7. "Mar bu thrice, chaidh mi ann Dimàirt agus Disathairne. Bha e a' còrdadh rium gu mòr. Bhithinn a' cuideachadh nan nursaichean ann an dòigh sam bith a b' urrainn dhomh. Bhithinn a' bruidhinn ris an fheadhainn a bha a' fuireach san àite, leughainn dhaibh, gheibhinn tì agus cofaidh dhaibh agus bhithinn a' toirt taic don luchd-cùraim le bhith gan cuideachadh le gluasad nan euslainteach bho rùm gu rùm."

8. 'S e ullachadh mòr a bh' anns a' ghreis-obrach dha Pòl. "Tha cuimhne agam air aon chailleach a bha a' fuireach san dachaigh-cùraim agus bha i a' toirt mo sheanmhar fhèin nam chuimhne. Ged a bha i tinn agus fann, bha i cho sona ri bròg le a beatha. Bha i laghach agus còir agus bha gàire daonnan air a h-aodann. B' ann dìreach mar sin a bha mo sheanmhair fhèin cuideachd. Cha b' e obair fhurasta a bh' ann, ach b' e obair air leth cudromach a bh' ann. Bha mi a' faireachdainn comasach air a dhèanamh agus mar sin, nuair a fhuair mi àite anns an oilthigh, bha an t-eòlas-obrach air mo chuideachadh gu mòr."

9. 'S dòcha gun cuir e iongnadh ort, ach bho cheumnaich e às an oilthigh cha bhi Pòl ag obair ann an ospadal ro thric. Bidh mòran nursadh a' gabhail àite anns a' choimhearsnachd no ann an ionadan-slàinte. Bidh Pòl a' tadhal air daoine anns na dachaighean aca fhèin agus a' toirt cobhair dhaibh. Bheir e seachad comhairle agus faochadh dhan teaghlach cuideachd. "Bidh mi ag obair còmhla ri seirbhisean sòisealta agus luchd-cùraim eile airson cùram ceart a thoirt do dhaoine. 'S e obair mhòr a th' ann, ach cha bu toigh leam obair sam bith eile a dhèanamh."

Mar sin, ma tha ùidh agad ann an obair mar nurs, nach cuir tu a-steach iarrtas?

Now answer the questions on the next page.