Turasachd ann an Alba

Leugh an earrann agus freagair na ceistean a leanas.

An robh thu air rathaidean na Gàidhealtachd bho chionn ghoirid? Bha mise agus chunnaic mi sealladh a chuir iongnadh mòr orm.

Aig aon àm, b' e rud caran annasach a bh' ann a bhith a' faicinn charbadan mòra geala air rathaidean na Gàidhealtachd. Ach nach ann oirnn a thàinig an dà latha! Chithear na bhanaichean-campachaidh seo tric a-nise, gu h-àraidh as t-samhradh. Tha iad a cheart cho mòr ri bus, bòrd is cidsin is leapannan nam broinn agus fiù 's baidhsagalan crochte air an deireadh. Chan ann a-mhàin sna bhanaichean-campachaidh a bhios luchd-turais a' tighinn ge-tà. Tha busaichean ann a bhios a' toirt dhaoine air feadh na Gàidhealtachd, bàtaichean àibheiseach a thadhaileas air acarsaidean nan Eilean Siar agus luchd-baidhsagal le bagaichean mòra agus iad uile a' cur ris an àireimh de luchd-turais.

Tha turasachd air a bhith cudromach do eaconamaidhean air feadh an t-saoghail. Bheir turasachd daoine, agus an cuid airgid, gu ceàrnaidhean iomallach ann an dùthchannan beaga, a thuilleadh air na bailtean mòra ainmeil leithid Paris, Lunnainn agus New York.

'S ann ri linn turasachd a tha coimhearsnachdan beaga ann an Gàidhealtachd na h-Alba anns a bheil iomadh cafaidh, taigh-bìdh agus bùth – rudan nach biodh ann às aonais an t-sruth dhaoine a tha a' tighinn a thadhal orra gach latha. Is leis a sin, thathar a' cruthachadh mòran obraichean ann an àiteachan dùthchail far a bheil gnìomhachasan mar iasgach agus croitearachd a' crìonadh, co-dhiù mar phrìomh chosnadh na coimhearsnachd.

Chunnaic mi mòran sna naidheachdan mu na trioblaidean a tha turasachd ag adhbhrachadh anns an Eilean Sgitheanach. Thathar ag ràdh gum bi sluagh an eilein a' sìor dhol am meud – bho 10,000 gu 60,000 – tron t-samhradh agus chan eil coltas ann gu bheil maill a' tighinn air an àrdachadh seo. Le filmichean leithid Prometheus, Macbeth agus Stardust gan clàradh san eilean, tha na ceudan a' tighinn airson dealbh fhaighinn far an robh cleasaichean ainmeil nan seasamh – aig Bodach an Stòrr no A' Chuith-rang mar eisimpleir. Tha cuid san eilean a' faireachdainn gu math an-fhoiseil mun leudachadh àibheiseach seo.

Tha margaidheachd air slighean sònraichte mar 'NC500' a' tàladh neach sam bith aig a bheil ùidh ann an seallaidhean àlainn gu rathaidean lùbach, cnapach Cheann a Tuath na h-Alba. Chithear sreathan fada de luchd-siubhail air rathaidean a bha, bho chionn beagan bhliadhnaichean, a' faireachdainn gu math falamh agus iomallach.

Chan ann a-mhàin air an dùthaich a tha buaidh turasachd ri fhaicinn nas motha, le tachartasan mar Fèis an Iomaill agus Farpais Chòmhlain-phìoba na Cruinne a' tachairt sna bailtean mòra. Bidh na sràidean ann an Dùn Èideann is Glaschu a' cur thairis as t-samhradh cuideachd.

Ach ged a thathar ag aithneachadh nam buannachdan a tha a' tighinn às, tha dragh air cuid mun bhuaidh a tha an leudachadh sluaigh a' toirt air an dà chuid, na sgìrean dùthchail agus na bailtean mòra againn. Mar eisimpleir, a-muigh air an dùthaich thathar mothachail air gainnead ghoireasan, fiù 's rudan cho bunaiteach ri taighean-beaga is binichean. Tha an trafaig a th' air na rathaidean a' cur maill air muinntir nam bailtean mòra nuair a tha iad a' siubhal a dh'obair no a' feuchainn ri faighinn dha na bùithtean. Bidh cuid sa bhaile mhòr a' strì ri taigh a cheannach oir tha na prìsean cho àrd – cuid dhen a sin air sgàth 's gu bheil barrachd prothaid ri dhèanamh le bhith gan ceannach gu sònraichte airson an cuir air màl do luchd-turais, oir pàighidh iad prìs nas àirde airson na greiseig a tha iad ann na b' urrainn do muinntir an àite a phàigheadh gach mìos den bhliadhna.

Tha cuid a' coimhead ris an riaghaltas agus ag iarraidh orra goireasan agus rathaidean a leasachadh, is feadhainn fiù 's a' moladh cìs a chur air luchd-turais! Ach, chan eil e furasta fuasgladh fhaighinn air an t-suidheachadh. Tha mi fhìn den bheachd gum fàs cùisean nas miosa buileach mus dèan an riaghaltas dad mu dheidhinn, ach 's mathaid gu bheil còir agam a bhith nas dòchasaiche!