Cruinneachadh agus tuairmse

Uaireannan chan fheum sinn freagairt mhionaideach a thoirt do cheist – chan fheum sinn ach tuairmse.

Nuair a tha àireamh mhòr, fhada againn, faodaidh sinn a cruinneachadh chun na mìle, no chun a' mhillein, as fhaisge.

Agus nuair a bheir àireamhair dhuinn freagairt fada, deicheach, faodaidh sinn a chruinneachadh gu grunn ionadan deicheach.

'S e dòigh eile air tuairmse a thoirt air freagairt ma chruinnicheas sinn gu figearan brìgheil.

Tha am facal brìgheil a' ciallachadh cudromach. Mar as fhaisge a figear air toiseach àireimh, 's ann as cudromaiche – no as brìgheile – a tha i.

curriculum-key-fact
  • Uaireannan bidh sinn a' giorrachadh figearan brìgheil gu fb.

San àireimh 368249, 's e 3 am figear as brìgheile, oir tha tha e ag innse dhuinn gur e 3 cheud mìle is rudeigin a th' ann. 'S e 6 an ath fhigear as brìgheile, agus mar sin air adhart.

Anns an àireimh 0.0000058763, 's e 5 am figear as brìgheile, oir tha tha e ag innse dhuinn gur e 5 milleanamhan agus rudeigin. 'S e 8 an ath àireamh as cudromaiche, agus mar sin air adhart.

Bidh sinn a' cruinneachadh àireamh le àireamh shònraichte de àireamhan brìgheil. 'S e na h-àireamhan brìgheile as cumanta 1,\,2\,no\,3.

curriculum-key-fact
  • Bidh thu a' cleachdadh nan riaghailtean àbhaisteach airson cruinneachadh suas no sìos le figearan brìgheil:
  • Mas e an ath àireamh 5 no barrachd, bidh sinn a' cruinneachadh suas.
  • Mas e an ath àireamh 4, cha bhi sinn a' cruinneachadh suas.

Ceistean

Question

Dè gheibh thu ma sgrìobhas tu 368249 gu 1 fhigear brìgheil?

An d' fhuair thu am freagairt 400000?

'S e 3 a' chiad fhigear brìgheil, agus bhon a tha am figear às dèidh sin (6) nas motha na 5, bu chòir dhut a chruinneachadh suas.

Uaireannan, feumaidh tu na neonithean a chur a-steach airson an àireamh a chumail aig a' mheud cheart.

Question

Dè gheibh thu ma sgrìobhas tu an àireamh 0.00245 gu 1 fhigear brìgheil?

An d' fhuair thu am freagairt 0.002?

'S e 2 a' chiad fhigear brìgheil, agus tha am figear an dèidh sin nas lugha na 5, agus mar sin cha bhi thu a' cruinneachadh suas.

Question

Dè gheibh thu ma sgrìobhas tu 0.0000058763 gu 2 fhigear brìgheil?

An d' fhuair thu am freagairt 0.0000059?

Bha agad ri 8 a chruinneachadh gu 9.

Ma bha duilgheadas agad, cuimhnich gur e an 5 agus 8 an 2 fhigear as brìgheile. 'S e 7 am figear às dèidh 8, agus mar sin feumaidh sinn 8 a chruinneachadh gu 9.

Mar sin tha 0.0000058763 = 0.0000059 gu 2 fhigear brìgheil.