Tuilleadh càinidh air còraichean daonna ann an Sìona

Tibet

Ghabh Sìona thairis Tibet ann an 1950. Bhon uair sin tha strì air a bhith eadar na h-ùghdarrasan Sìonach agus an fheadhainn a tha ag iarraidh Tibet a bhith neo-eisimeileach a-rithist.

Sgìre Fèin-riaghlaidh Tibet. Tibet chinneachail gu h-eachdraidheil.

Sna bliadhnachan mu dheireadh tha mòran air a bhith a' togail fianais air feadh Thibet an aghaidh mar a thathar a' cur às do chultar Thibet agus mar a thathar a' dèiligeadh ris na daoine.

Chaidh mòran dhaoine à Tibet a chur an sàs, agus chlàr Amnesty International pianadh agus murt iomadh turas.

Falun Gong

'S e gluasad sìtheil, spioradail a th' ann am Falun Gong. Chaidh a stèidheachadh ann an 1992. An dèidh sgaoileadh gu luath, thathar an dùil gun robh suas ri 70 millean neach-leantainn aca ann an 1999.

Tha riaghaltas Shìona den bheachd gur e 'cult olc' a th' ann am Falun Gong agus chaidh an gluasad a chasg.

Tha tòrr propaganda air nochdadh an aghaidh teagasg Falun Gong, agus tha na h-ùghdarrasan a' tighinn cruaidh air daoine a tha gan leantainn.

A rèir buidhnean chòraichean daonna, tha luchd-taic Falun Gong a' fulang le sàrachadh, tha iad air an cur dhan phrìosan agus air am pianadh gu brùideil.

Move on to Test
next