Còraichean daonna ann an Sìona

Ged a tha beagan fianais ann gu bheil riaghaltas Shìona air còraichean a bharrachd a thoirt do dhaoine ann an cuid de raointean, tha buidhnean chòraichean daonna leithid Asia Watch agus Amnesty International a' cumail a-mach gu bheil Siona tric a' dèanamh dìmeas air còraichean nan daoine.

Siostam ceartas na h-eucoir ann an Sìona

Aocoltach ris an RA, chan eil còraichean daonna dhaoine a tha fo chasaid eucoir ann an Sìona air an dìon fon lagh.

A' cur an sàs agus am prìosan

Ann an Sìona, bidh daoine a tha fo amharas eucoir glè thric air an cur an sàs airson ùine mhòr gun a dhol dhan chùirt. Glè thric chan eil cead aig daoine a tha an sàs neach-lagha a bhith aca no an teaghlach aca fhaicinn, agus 's dòcha gun tèid an sràcadh gus an can iad gu bheil iad ciontach.

Tha buidhnean chòraichean daonna a' tuairmeas gu bheil na deichean mhìltean dhaoine ann an Sìona an-dràsta an sàs gun iad air a bhith sa chùirt. Tha peanasachadh ann an Sìona uabhasach, uabhasach cruaidh. Dh'fhaodadh binn còig bliadhna sa phrìosan a dhol ort airson rud beag a ghoid.

A' chùirt

Faodar cùirt a chumail gu dìomhair ann an Sìona. 'S dòcha gun tèid neach-lagha a dhiùltadh agus chan eil an-còmhnaidh cead aig duine bruidhinn airson e fhèin a dhìon. Nuair a bhios an luchd-casaid air an argamaid aca a dhèanamh, bidh am breitheamh a' dèanamh co-dhùnadh. Chan eil mòran teansa ann tagradh a dhèanamh, ged a tha riaghaltas Shìona a' gealltainn piseach a thoirt air an dòigh a tha cùisean sa chùirt ag obrachadh.

Binn bàis

Ann an Sìona, tha binn bàis an cois 55 eucoirean. Nam measg sin tha foill airgid agus mèirle.

Sna bliadhnachan mu dheireadh thathar an dùil gun do chuir Sìona barrachd dhaoine gu bàs na chuir a h-uile dùthaich eile air an t-saoghal còmhla. Cha bhi an stàit ag innse cia mheud a bhios iad a' cur gu bàs gach bliadhna. Tha Amnesty International dhen bheachd gur dòcha gu bheil grunn mhìltean gach bliadhna gan cur gu bàs.

O chionn ghoirid, thàinig an àireamh eucoirean le binn bàis nan cois a-nuas bho 68 gu 55. Chan eil, mar eisimpleir, binn bàis an cois beagan goid no foill airgid.

Chan eil mòran dhaoine a-nis air an cur gu bàs airson eucoirean beaga. Cuideachd, chan fhaod binn bàis a-nis a dhol air òigridh airson eucoir gun fhòirneart. Cha mhotha a dh'fhaodas binn bàis a dhol air òigridh nach robh 18 nuair a rinn iad an eucoir. Feumar ath-sgrùdadh a dhèanamh a h-uile turas a bhios duine fo bhinn bàis.

Leasachadh nan campaichean obrach

San àm a dh'fhalbh bhiodh cuid dhe na bha ciontach de dh'eucoir air an cur do champaichean obrach. An sin bhiodh iad a' faighinn 'ath-fhoghlam'. B' e measgachadh de shràcadh agus de 'smachd-eanchainn' a bha san ath-fhoghlam.

Bha aig prìosanaich ri obair chruaidh, chunnartach a dhèanamh.

Mar eisimpleir, bha targaidean aig na prìosanaich a bha a' cruinneachadh teatha sna h-achaidhean. 'S dòcha gun robh sin a' ciallachadh gum biodh iad ag obair 16 uairean san latha.

Bha feadhainn eile ag obair an lùib cheimigean puinnseanta ann am factaraidhean gun uidheam sàbhailteachd ceart leithid mhiotagan is speuclairean sàbhailteachd. Nam biodh gearan ann, no mura coinnicheadh cuideigin an targaid, 's dòcha gun deigheadh an sràcadh no gun deigheadh an cumail leotha fhèin air falbh bho dhaoine eile. Glè thric bha biadh is cadal air a chumail bho na prìosanaich cuideachd.

Tràth ann an 2013, gheall an Ceann-suidhe Xi sgrùdadh a dhèanamh air na campaichean obrach. Taobh a-staigh na bliadhna, bha e air aithris fad' is farsaing gun deach a' mhòr-chuid dhe na campaichean obrach a dhùnadh agus na ceudan phrìosanach a leigeil mu sgaoil.