Duilgheadasan poilitigeach eile dhan CPC

A bharrachd air easaontaichean, tha an CPC a' faicinn dùbhlan eile dhan ùghdarras aca.

Hong Kong

Chan eil Hong Kong (HK) idir air a riaghladh san aon dòigh ris a' chòrr de Shìona. Suas gu 1997, bha an Rìoghachd Aonaichte a' riaghladh HK mus deach e air ais gu Sìona. Fo riaghladh na RA, bha muinntir HK eòlach air deamocrasaidh, agus air taghaidhean airson nan ceannardan aca.

Nuair a chaidh Hong Kong a thilleadh gu Sìona, chuir an CPC romhpa gum biodh poileasaidh “aon dùthaich, dà shiostam” aca. Bha am poileasaidh seo a' ciallachadh gun robh barrachd deamocrasaidh ann a' HK na bha an àite sam bith eile ann an Sìona. Ach ma tha barrachd deamocrasaidh ann do mhuinntir HK, tha e doirbh an aon shaorsa phoilitigeach a dhiùltadh dhan chòrr de Shìona.

Tha barrachd saorsa aig na pàipearan-naidheachd ann a' Hong Kong. Tha partaidhean dùbhlanach ann agus tha togail-fianais phoilitigeach laghail. Tha dara leth an riaghaltais nach eil nan comannaich ged a tha an CPC a' daingneachadh a' cheannaird (an-dràsta CY Leung).

Brataichean. Sìona, a tha a-nis a’ riaghladh Hong Kong.

Togail-fianais sgìreil

Tha sgìre Xinjiang air taobh an iar Shìona làn mhèinnirean agus buinidh a' mhòr-chuid dhe na daoine do bheag-bhuidhnean. 'S e Muslamaich Uighurach a th' ann an 45% dhen t-sluagh. Sna bliadhnachan mu dheireadh, tha mòran fòirneirt air a bhith eadar na h-Uighuraich agus na Sìonaich Han a tha nan 40% de shluagh na sgìre.

Xinjiang. SÌONA. MONGÒILIA.

Tha ùghdarrasan Shìona a' cur na coire air beagan dhe na h-Uighuraich airson a' bhuairidh. Tha iad a' cumail a-mach gur e ceannaircich a tha san fheadhainn a tha an sàs ann agus gu bheil iad a' cleachdadh fòirneart airson gum faigh iad neo-eisimeileachd bho Shìona.

Chan eil na h-Uighuraich toilichte gu bheil barrachd beairteis is barrachd buaidh aig na Sìonaich Han, a tha nas fheàrr dheth san fharsaingeachd, na tha acasan. Bidh iad a' cumail a-mach gu bheil a' chuid as motha dhen togail-fianais aca sìtheil ach gu bheil na h-ùghdarrasan a' cleachdadh fòirneart gus smachd a chumail air togail-fianais sam bith.

Bho 2014, tha iomairt ris an can iad “buail gu cruaidh” aig ùghdarrasan Shìona. Tha an iomairt sin ag amas air Uighuraich sam bith a tha riaghaltas Shìona dhen bheachd a tha a' diùltadh co-obrachadh cuide ris na h-ùghdarrasan.

Meadhan-chlas a' fàs

Tha meadhan-chlas (còrr is 109 millean neach ann an 2015) a' nochdadh ann an Sìona. Tha iad air a bhith an ìre mhath taiceil dhan Phartaidh Chomannach sna bliadhnachan mu dheireadh. Fhuair mòran dhe na daoine sin buannachd bho atharrachadh sòisealta/eaconamach. Ach tha cuid dhiubh ge-tà air tòiseachadh a' càineadh an t-siostam phoilitigich.

Le barrachd is barrachd fianais ann air truailleadh na h-àrainneachd, mòran coirbeachd, agus o chionn ghoirid, beagachadh ann an cor-beatha nan daoine air sgàth amannan teann eaconamach air feadh an t-saoghail, tha barrachd dhen mheadhan-chlas a' cleachdadh an eadar-lìn agus meadhanan sòisealta gus ceistean a thogail mun dòigh sa bheil an dùthaich air a riaghladh.

Tha an càineadh a' dèanamh dragh dhan CPC. Tha iad a' coimhead air a' mheadhan-chlas mar phrìomh luchd-taic. 'S e buill aig ìre ìosal a th' ann am mòran dhiubh sa Phartaidh Chomannach. Mar sin tha an Ceann-suidhe Xi ag iarraidh atharrachaidhean gus leasachadh a thoirt air Sìona, mar an àrainneachd a ghlanadh agus cur às do choirbeachd san riaghaltas.

Coirbeachd

'S e an cunnart as motha a th' ann do cheannardan Shìona ma gheibh daoine a-mach gu bheil oifigich choirbte anns a' CPC. Ann an stàit le dìreach aon phartaidh, chan eil uiread de sgrùdadh ga dhèanamh air an riaghaltas.

Mar a tha Sìona air fàs nas beairtiche, tha cuid air brath a ghabhail air na dreuchdan aca anns a' CPC gus duaisean a thoirt dhaibh fhèin agus dhan teaghlaichean gu mì-laghail.

Nuair a ghabh an Ceann-suidhe Xi thairis ann an 2013, bha e airson ìomhaigh na b' fheàrr a thoirt dhan phartaidh. Dh'iarr e tighinn a nuas gu cruaidh air coirbeachd. Mar eisimpleir, ann an 2015, fhuaradh ciontach Zhou Yongkang, ball dhen pholitburo agus a bha uair os cionn seirbheis thèarainteachd Shìona , de choirbeachd. Fhuair e binn beatha sa phrìosan.