Deamocrasaidh agus còraichean daonna

Tro eachdraidh Shìona, chan eil deamocrasaidh no còraichean daonna air a bhith cho cudromach sa chomann-shòisealta 's a bha iad ann am Breatainn, san Roinn Eòrpa agus sna SA. Tha coltas bhon fhianais a th' againn gu bheil a' mhòr-chuid de mhuinntir Shìona a' gabhail ris an riaghaltas aca agus nach eil iad ag iarraidh atharrachadh air an dòigh sa bheil an riaghaltas air a thaghadh. Bidh cuid dhen luchd-aithris a' cumail a-mach gu bheil coltas gu bheil a' mhòr-chuid de mhuinntir Shìona riaraichte leis an riaghaltas seach gu bheil e a' toirt leasachadh air cor-beatha na mòr-chuid.

Leasachadh deamocratach

Thuirt ceannardan Shìona iomadh turas nach biodh deamocrasaidh mar a th' air an taobh an Iar idir ann an Sìona. Tha sin a' ciallachadh nach eil ceannardan an CPC deònach gabhail ri taghaidhean saora no poilitigs le iomadh partaidh, mar a tha againn san RA. Ach tha an CPC a' tuigsinn gum feum cothrom a bhith aig na ceannardan aca dèanamh a rèir 's dè tha a dhìth air daoine. Tha iad air sin a dhèanamh sna dòighean a leanas.

Taghaidhean sna bailtean

O chionn còrr is 25 bliadhna tha a' chòir air a bhith aig muinntir Shìona riochdairean a thaghadh airson nam mòr-bhailtean agus nam bailtean beaga. Ach tha a' mhòr-chuid dhe na riochdairean nam buill dhen CPC, agus bidh an CPC a' cumail sùil gheur air riochdairean nach eil nam buill. Bidh an CPC cuideachd a' cumail sùil air pròiseas an taghaidh. O chionn ghoirid, chaidh taghaidhean cumhang a chumail ann an sgìrean roinneil agus dùthchail. Ann an 2012, chaidh a' chiad taghadh saor airson comataidh baile a chumail ann a' Wukan. Canar deamocrasaidh am measg an t-sluaigh ris a' phròiseas a tha a' leigeil le daoine co-dhùnaidhean a dhèanamh aig ìre ionadail.

'Deamocrasaidh bheachdachail'

Chaidh feuchainn ri cothrom a thoirt do mhuinntir Shìona am beachdan a thoirt seachad ann am buidhnean fòcas – buidhnean beaga a bhios a' toirt am beachdan seachad ann an rannsachadh – agus ann an cunntasan bheachd am measg a' phobaill. Tha sin air cothrom a thoirt do dhaoine beachd a thoirt agus air cothrom a thoirt dhan CPC poileasaidh a dhealbh airson dèiligeadh ri draghannan dhaoine.

Ballrachd a' CPC air a leudachadh

Chaidh ballrachd a' phartaidh a leudachadh airson gum biodh cothrom aig barrachd dhaoine pàirt a ghabhail ann an co-dhùnaidhean.

A' togail fianais gu poblach

Anns na bliadhnachan mu dheireadh tha daoine ann an Sìona air a bhith a' togail fianais nas trice am measg an t-sluaigh no air an t-sràid (‘tachartasan mòr-shluaigh'). Tha a' chuid as motha dhe na tachartasan sin co-cheangailte ri coirbeachd no ri truailleadh na h-àrainneachd. Thathar an dùil gun deach fianais a thogail gu laghail suas ri 180,000 turas ann an 2013. Ged nach eil e a' còrdadh ris a' CPC gu bheil daoine a' togail fianais agus dh'fhaodadh iad daoine a chur an grèim, thathar an dùil gu bheil an CPC nas deònaiche cur suas riutha ma tha iad a' toirt cothrom do dhaoine gearan a dhèanamh gun a bhith a' dol an aghaidh riaghladh a' CPC.

Dùbhlan dhan CPC

Chan eil e ceadaichte a dhol an aghaidh a' CPC. O chionn còrr is 60 bliadhna tha riaghaltas Shìona air a bhith a' cleachdadh an airm is nam poilis airson stad a chur air duine sam bith a bha ag iarraidh barrachd saorsa phoilitigich no còir bhòtaidh.

Canar easaontaichean (daoine nach eil ag aontachadh) ri daoine a tha an aghaidh siostam poilitigeach Shìona. Faodaidh peanas uabhasach a dhol air easaontaichean mar ùine mhòr sa phrìosan, pianadh no fògradh (chan fhaod iad fuireach ann an Sìona).

Bho thràth ann an 2013, nuair a thàinig Xi Jinping na cheann-suidhe, chaidh suas ri 1,800 neach a chur an sàs gu mì-laghail, a rèir Amnesty International. Ann an 2015, chaidh binn sia bliadhna sa phrìosan air Guo Feixiong, a bha ag iomairt airson deamocrasaidh agus a bha an aghaidh caisgireachd.

Ann an suidheachadh eile, dh'fhaodadh gun tèid binn suas ri còig bliadhna sa phrìosan air triùir a bha ag iomairt airson chòraichean daonna airson leabhar a sgrìobhadh air deamocrasaidh. Ann an 2015, fo lagh ùr air tèarainteachd nàiseanta na dùthcha, fhuair na h-ùghdarrasan ann an Sìona cead, a tha cha mhòr gun chrìochan, sùil a chumail air duine sam bith a tha a' càineadh a' CPC no an cur dhan phrìosan.

Smachd a' CPC

Tha mòran innleachdan aig a' CPC airson smachd a chumail air fiosrachadh agus air togail-fianais.

An stàit a' cumail smachd air na meadhanan

Tha pàipearan-naidheachd, rèidio agus an telebhisean an ìre mhath fo smachd a' CPC agus a' nochdadh beachdan a' phartaidh. Tha riaghailtean air luchd-naidheachd a thaobh dè dh'fhaodas iad aithris agus faodar an cur an sàs no dhan phrìosan ma chàineas iad an riaghaltas no am partaidh comannach.

'Balla-dìon mòr Shìona'

Tha sùil gheur agus tòrr smachd ga chumail air an eadar-lìon. Chan fhaigh duine gu làraich-lìn a dh'fhaodadh a bhith a' càineadh a' CPC. Tha bacadh no casg cuideachd air làraich-lìn, blogaichean agus meadhanan sòisealta à tìrean cèin. Faodar daoine a bhios an sàs ann an cùisean mì-laghail air-loidhne a chur an sàs agus a chur dhan phrìosan airson ùine mhòr.

Smachd air luchd-naidheachd cèin

Feumaidh luchd-naidheachd agus luchd-aithris cèin mòran riaghailtean a leantainn. Tha poilis ann an aodach àbhaisteach, agus oifigearan eile bhon riaghaltas, air a bhith a' sàrachadh agus a' bagairt air mòran dhiubh.

Riaghailtean ballrachd a' CPC

Ann an 2015, thug an CPC a-steach riaghailtean ùra dha na 88 millean ball airson a bhith cinnteach gum biodh barrachd smachd aig ceannardan a' phartaidh air na buill chumanta. An lùib nan riaghailtean sin tha barrachd smachd air còmhradh agus coinneamhan poilitigeach.