Riaghaltas Shìona

Bho 1949, tha Partaidh Comannach Shìona [the Communist Party of China (CPC)] air a bhith a' riaghladh ann an Sìona.

'S e stàit le aon phartaidh a th' ann an Sìona. Chan eil an CPC air a thaghadh, ach bidh e an-còmhnaidh san riaghaltas seach gu bheil smachd aige air an arm agus air feachd a' phoilis. Bidh an CPC a' cumail dlùth smachd air pàipearan-naidheachd, stèiseanan rèidio is telebhisean agus bidh iad a' cumail smachd air na gheibh daoine air an eadar-lìon. Tha na meadhanan ann an Sìona air cuid dhen fheadhainn as motha air a bheil riaghaltas a' cumail smachd air an t-saoghal.

Dè th' ann an comannas?

Mao Zedong
Mao Zedong

Ann an 1949, fo Chathraiche Mao, chaidh Sìona na dùthaich chomannach. Bha sin a' ciallachadh gun do ghabh an riaghaltas smachd air an fhearann, factaraidhean, gnìomhachasan agus buidhnean eile às leth nan daoine. Cha robh a leithid de rud ann ri seilbh phrìobhaideach no seilbh dhaoine fa leth. Nuair a bha Partaidh Comannach Shìona a' riaghladh, bha na daoine ag obair gu math a h-uile duine. A rèir Mao, cha robh e ceart do dhuine a bhith a' faighinn air adhart e fhèin gun ghuth air daoine eile.

Mar a tha Sìona an-diugh

Aocoltach ris an RA, chan e deamocrasaidh a th' ann an Sìona. Tha Pàrlamaid Shìonach ann Mòr-dhail Nàiseanta nan Daoine [the National People's Congress (NPC)] a bhios a' dèanamh reachdas (laghan), ach chan ann sa phàrlamaid a bhios co-dhùnaidhean air an dèanamh. 'S e am Partaidh Comannach a bhios a' dèanamh cho-dhùnaidhean dhan dùthaich.

Structar a' Phartaidh Chomannaich

'S e am politburo am buidheann as cudromaiche ann am Partaidh Comannach Shìona. Tha am politburo a' gabhail a-steach nam ball as eòlaiche sa Phartaidh Chomannach, agus nam measg tha rùnaire coitcheann a' Phartaidh Chomannaich (an-dràsta an Ceann-suidhe Xi Jinping). Is esan ceannard a' phartaidh is na dùthcha. Ann an teòiridh tha buill a' pholitburo air an taghadh. Ach dha-rìribh tha iad air an cur nan dreuchd le feadhainn a tha mar-thà nam buill dhen pholitburo.

Aon uair 's gun tig am politburo gu co-dhùnadh, 's àbhaist gun cuir pàrlamaid Shìona no Mòr-dhail Nàiseanta nan Daoine (NPC) dhan lagh e. Tha mòran dhaoine air an taobh an Iar a' smaoineachadh air an NPC mar àite anns am bi deasbadan gan cumail, daoine a' toirt am beachdan agus a' sgrìobhadh laghan a dh'aontaich an CPC. Ach chan eil dha-rìribh cumhachd aig an NPC airson co-dhùnaidhean a dhèanamh.

Nuair a chuireas an NPC laghan an gnìomh, faodar an uair sin co-dhùnaidhean a chur sìos gu na mòr-roinnean agus gu na bailtean, gu na cùirtean no gu na feachdan armaichte.

Am Partaidh Comannach. Mòr-dhail Nàiseanta nan Daoine.