Beagan fiosrachaidh mu Shìona

'S e Sìona an treas dùthaich as motha air an t-saoghal. Tha aon neach às gach sianar air an t-saoghal (1.35 billean) a' fuireach ann an Sìona, agus mar sin 's i an dùthaich leis an àireimh-sluaigh as motha air an Talamh.

Coimeas eadar an RA agus Sìona 2013-2015

Bidh an t-uabhas gas, guail, ola agus mòran de bhathar dèante an t-saoghail, leithid dhèideagan is uidheamachd eileagtronaigeach, a' tighinn à Sìona.

Tha buill-airm niuclasach agus arm cumhachdach aig Sìona. 'S e Beijing prìomh-bhaile Shìona.

Sìona ag atharrachadh

'S e dùthaich a th' ann an Sìona a tha ag atharrachadh gu luath. O chionn seasgad bliadhna bha a' mhòr-chuid de mhuinntir Shìona a' fuireach air an dùthaich. Bha an dòigh-beatha aca stèidhichte air tuathanachas, agus cha robh e air atharrachadh fad linntean.

An-diugh, tha mu leth nan daoine ann an Sìona a' fuireach ann am bailtean. Tha dùil gun gluais na milleanan eile dha na bailtean sna 20 bliadhna a tha romhainn.

'S e Shanghai am baile as motha sa bheil de dhaoine ann an Sìona le timcheall air 20 millean neach a' fuireach ann.

Traidiseanta/dùthchail. Ùr/bailteil.

Dh'fhàg mòran dhaoine an dùthaich airson obair le pàigheadh nas fheàrr a lorg ann an gnothachasan ùra sna bailtean. Tha mu 50% de mhuinntir Shìona fhathast ag obair ann an àiteachas. Tha an còrr ag obair ann am factaraidhean no san roinn sheirbheisean (dhan riaghaltas, ann am bùithtean, msaa).

Tha an teachd-a-steach cuibheasach air an dùthaich mu £200 sa mhìos. Anns na mòr-bhailtean, tha an teachd-a-steach mu cheithir uiread sin aig £800 sa mhìos. Tha beagan dhe na Sìonaich beairteach, no uabhasach beairteach, agus tha àireamh nan daoine beairteach a' dol suas.

Beairteas ann an Sìona