Fulangas

Tha fulangas a' mìneachadh an raon luachan de thomhas ris an urrainn dhut gabhail.

Eisimpleir

Tha pàirt ri dhèanamh airson telebhisean. Bu chòir dha a bhith 56.1\,mm a dh'fhaid.

Tha fulangas 56.1 + 0.4\,mm sa phàirt.

Tha seo a' ciallachadh gur e 56.1 + 0.4 = 56.5\,mm am meud as motha airson a' phàirt.

'S e 56.1 - 0.4 = 55.7\,mm am meud as lugha ris an gabhar airson a' phàirt.

Question

Feumaidh 45.9 + 0.3\,mm a dh'fhaid a bhith ann am pàirt airson inneal-nighe.

Tha 46.1\,mm a dh'fhaid sa phàirt a chaidh a dhèanamh. An urrainn gabhail ris a sin?

'S e 45.9 + 0.3 = 46.2\,mm an fhaid as motha ris an urrainn gabhail.

'S e 45.9 – 0.3 = 45.6\,mm an fhaid as lugha ris an urrainn gabhail.

Bhon a tha 46.1 eadar an dà àireimh sin, 's urrainn dhuinn gabhail ris a' phàirt.