Na bhathar a' sùileachadh air boireannaich

  • Bha beachdan soilleir aig Hitler mu àite nam boireannach san stàit Nadsaidhich. Bha iad aig cridhe beatha an teaghlaich, mar bhean-taighe agus mar mhàthair.
  • B' fheudar do bhoireannaich a bha nan dotairean, nan tidsearan agus nan seirbheisich chatharra an obair a leigeil seachad. Fiù 's aig deireadh a' chogaidh, cha robhar uair sam bith ag iarraidh air boireannaich a dhol dha na feachdan armaichte.
  • B' e an obair aca an dachaigh a chumail gu math dhan duine aca agus dhan teaghlach. Bu chòir gur e trì 'K'an: Kinder, Kirche, Kuche (Clann, Creideamh (Eaglais) agus Còcaireachd) a bha cudromach nam beatha.
  • Bha Hitler airson gum biodh reat-breith àrd sa Ghearmailt airson gum fàsadh àireamh an t-sluaigh. Smaoinich na Nadsaidhean fiù 's air lagh a dhèanamh a bhiodh ag ràdh gum feumadh co-dhiù ceathrar chloinne a bhith aig teaghlaichean.
  • Bha Lagh Brosnachaidh a' Phòsaidh a' toirt iasad de 1,000 marc do chàraidean air ùr-phòsadh, agus bha cead aca 250 marc a chumail airson gach leanabh a bh' aca. Bha màthraichean aig an robh còrr is ochdnar chloinne a' faighinn bonn òir.
  • Bha còir aig boireannaich a bhith a' leantainn fasan traidiseanta dhaoine bochda na Gearmailt: èideadh plèan, falt ann am figheachain no ann an ciudha agus brogan flata. Cha bu chòir maise-gnùis no briogais a bhith orra, am falt a dhath no smocadh gu poblach.