Gluasadan òigridh agus foghlam

Mar a chaidh clann a thogail

Tidsear agus sgoilearan ann an sgoil Nadsaidhich le dealbh de Hitler
Tidsear agus sgoilearan ann an sgoil Nadsaidhich le dealbh de Hitler

Dh'fheuch na Nadsaidhean ri buaidh a thoirt air eanchainnean nan Gearmailteach airson gun creideadh iad ann an dòigh-beatha nan Nadsaidheach. Bha iad dhen bheachd gur e an dòigh a b' fheàrr air sin a dhèanamh beachdan na h-òigridh atharrachadh.

Foghlam

  • Bha foghlam fo smachd na stàit agus bha iad ag amas air daoine òga a thogail a bhiodh a' creidsinn gu tur ann an creideasan nan Nadsaidhean.
  • Dh'fheumadh tidsearan agus òraidichean oilthigh a bhith nam buill de Lìog Nàiseanta nan Tidsearan Sòisealach, agus bhiodh am buidheann sin gan ceasnachadh gus faicinn an robh iad freagarrach airson teagasg. Bha aca ri cumail ri curraicealam sònraichte nuair a bha iad a' teagasg.
  • Chaidh tidsearan a bha an aghaidh nan Nadsaidhean agus tidsearan Iùdhach a chur às an dreuchd.
  • Bha taobh Nadsaidheach air cuspairean sgoile.
  • Bha Eachdraidh ga theagasg airson a' Ghearmailt a ghlòrachadh.
  • Bha Bith-eòlas a' teagasg gun robh Gearmailtich gun truailleadh na b' fheàrr na daoine eile.
  • Chaidh leabhraichean ath-sgrìobhadh airson cuideam a chur air armailteachd, agus cuideachd air creideasan nan Nadsaidhean a thaobh creideamh agus cinneadh.

Buidhnean òigridh

  • Bha balaich air am brosnachadh gu bhith ann am buidhnean òigridh a leanadh gu Òigridh Hitler. Bhiodh iad ag ionnsachadh mu dhòighean air tighinn beò, sgilean armailteach agus cho cudromach 's a bha e a bhith fiot nad bhodhaig.
  • Bha nigheanan air am brosnachadh gu bhith ann am buidhnean òigridh a leanadh gu Lìog nam Maighdeannan Gearmailteach. Bha iad ag ionnsachadh cho cudromach 's a bha e clann a bhith aca agus mar a dhèanadh iad bean mhath. Bhathar a' sùileachadh gum biodh teaghlaichean mòra aig na nigheanan, agus bhiodh iad a' faighinn dhuaisean a rèir 's na bhiodh aca de phàistean.

Carson a bha Òigridh Hitler cho cudromach?