Armailteachd

  • Bha na Nadsaidhean airson gum biodh a' Ghearmailt na stàit armailteach, agus mar sin, bhiodh an dùthaich deiseil airson cogadh aig àm sam bith. Airson gun tachradh sin, stèidhich na Nadsaidhean prògram mòr ath-armachaidh. Bha iad cuideachd an urra ri siostam an fhoghlaim airson fir òga ullachadh, an dà chuid nam bodhaig agus nan inntinn, airson seirbheis sna feachdan.
  • Bha Òigridh Hitler a' leasachadh sgilean tighinn-beò agus neart bodhaig. Bha iad cuideachd ag ionnsachadh sgilean armailteach dha na balaich, agus bheireadh iad na sgilean sin gu coileantachd nuair a dheigheadh iad dhan arm.
  • Bha ath-armachadh a' ciallachadh gun robh feum air barrachd is barrachd bhall-airm dhan arm, do fheachd an adhair agus dhan nèibhidh agus cuideachd stòr mòr de bhuill-airm. Fhuair gnìomhachasan Gearmailteach ordain mhòr airson thancaichean, plèanaichean agus bàtaichean, a bharrachd air gunnaichean, bomaichean agus urchraichean.
  • Chaidh àireamh nan daoine a bha san arm suas bho 100,000 fear gu 1,400,000. Dh'fheumadh fir fo aois 25 co-dhiù dà bhliadhna de sheirbheis armailteach a dhèanamh.
  • Thòisicheadh a' togail dhaoine dhan arm an aghaidh an toil ann an 1935, agus mar thoradh air an sin, bha a' chuid as motha de dh'fhireannaich òga gan togail dhan arm.
  • Eadar 1936 is 1939, chuidich feachdan armaichte Hitler an ceannard faisisteach, Franco, gu buaidh ann an Cogadh Catharra na Spàinn. Thug seo cothrom do na Nadsaidhean fir a thrèanadh agus uidheamachd a dheuchainn.
Òigridh Hitler a' trèanadh
Buill de dh'Òigridh Hitler a' trèanadh

A' dèanamh a' Ghearmailt làidir a-rithist