Poileasaidhean eaconamach

Bha na Nadsaidhean a' feuchainn ris a' Ghearmailt a dhèanamh fèin-sheasmhach – 's e sin gum biodh i a' dèanamh a' bhathair gu lèir air an robh feum aice, agus nach biodh i an urra ri bathar bhon taobh a-muigh.

Hitler a' fosgladh factaraidh ùr Volkswagon
Hitler a' fosgladh factaraidh ùr Volkswagon

Thòisich na Nadsaidhean air prògram mòr de dh'obraichean poblach leithid togail agus càradh thaighean, rathaidean agus rèilichean. Chuidich sin gu mòr le bhith a' lùghdachadh dìth obrach, agus chuir ath-armachadh air sgèile mhòr ris an sin cuideachd. Leis a' Ghearmailt a' togail suas nam feachdan armaichte aice, chaidh na mìltean obraichean a chruthachadh ann an iarann, stàilinn, togail phlèanaichean is bhàtaichean.

Ghabh na Nadsaidhean smachd air beatha luchd-obrach sna dòighean a leanas:

  • Bha Comann-obrach na Gearmailt ag obrachadh mar aonadh ciùird, ged a bha e fo smachd a' Phàrtaidh Nadsaidhich. Bha stailcean air an toirmeasg.
  • Thuirt Seirbheis-obrach na Gearmailt gum feumadh fireannaich òga a bhith ag obair ann an sgeamachan-obrach poblach airson greisean de 6 mìosan.
  • Bha an Gluasad Tro Aoibhneas a' toirt shaor-làithean is chur-seachadan a bu toigh leis na Nadsaidhean do luchd-obrach dìleas.
  • Thòisich prògraman mòra ath-armachaidh agus togail agus chaidh na mìltean de dh'obraichean a chruthachadh.