Dh’fhuiling tràillean droch shuidheachadh is borbachd. Nan ruigeadh iad na h-Innseachan an Iar beò, bha am beatha cruaidh. Dh’fheuch cuid ri teiche.
Dè na còraichean a bh’ aig tràillean air planntachasan a’ Charibbean?
Còir air biadh agus deoch.
Cha robh còraichean idir.
Còir air fasgadh.
Dè am peanas a bu thrice a bhiodh ga thoirt do thràillean air na planntachasan?
Cuipeadh
Crochadh
Prìosan
Cò bh’ ann an Olaudah Equiano?
Neach-malairt thràillean às an Spàinn.
Ceann-suidhe Haiti.
Fear a chleachd a bhith na thràill agus a chaidh a shaoradh.
Cò am buidheann Crìosdail a rinn iomairt glè thràth airson cur às do thràillealachd?
Mormons
Jehovah's Witnesses
Caocairean
Cò chuidich marsantan nan tràillean leis a’ chosgais mhòir a bha an cois bàta thràillean?
Bha na h-Àrd-bhàillidhean ann am puirt malairt nan tràillean a’ toirt seachad iasadan.
Bancaichean, agus companaidhean àrachais.
Bha marsantan thràillean beairteach gu leòr airson na cosgaisean a phàigheadh iad fhèin.
Dè an dòigh a bu thrice a bhiodh aig tràillean air a dhol an aghaidh nam maighstirean?
Rinn buidhnean mòra dhiubh ar-a-mach còmhla agus mharbh iad na maighstirean geala.
Dhiùlt iad obair a dhèanamh.
Bha iad ag obair air an socair, no a’ teiche.
Cò bha sna 'Maroons'?
Luchd-dèanaimh dath ann an Liverpool.
Tràillean ann an Iameuga a bh’ air teiche.
Saighdearan ann an Arm Bhreatainn.