Ar-a-mach thràillean

Ar-a-mach 1736-1831

Toussaint Breda a bha os cionn ar-a-mach thràillean ann an Saint Dominigue
Toussaint Breda

Bha cuid de thràillean a' cur an aghaidh chùisean le bhith a' planadh ar-a-mach. Uaireannan bhiodh ar-a-mach beag, agus uaireannan eile bhiodh e na bu mhotha. Chaidh a' mhòr-chuid dhiubh a chur fodha le cuideachadh bho Arm Bhreatainn no bhon Chabhlach Rìoghail. Chithear gach ar-a-mach ainmeil gu h-ìosal:

Antigua 1736 - Fhuair luchd-seilbh phlanntachasan ann an Antigua a-mach mu innleachd a bh' aig tràillean airson fùdar gunna a ghoid agus uaislean an eilein a chur nan smàl aig bàl. Mar pheanas, chaidh 88 tràillean a chur gu bàs, a' mhòr-chuid dhiubh gan losgadh beò.

Tacky's Revolt 1760 - Thòisich ar-a-mach Tacky ann an Iameuga.

Saint Domingue 1791 - Ar-a-mach thràillean ann an Saint Domingue, a bha fo smach na Frainge, le Toussaint Breda os a chionn.

Dh'fhaillich air Riaghaltas na Frainge an t-ar-a-mach a chur fodha, agus mu dheireadh chaidh Saint Domingue ainmeachadh mar 'Haiti' leis na tràillean a chaidh a shaoradh. Stèidhich iadsan a' chiad phoblachd dhubh a bha saor.

Barbados 1816 - Chaidh tràillean air an casan ann am Barbados agus chuir iad cairteal de bhàrr siùcair an eilein na theine.

Iameuga 1831 - Ar-a-mach mòr thràillean Iameuga. Fhuair còrr is 200,000 reubaltach smachd air ceann an iar-thuath an eilein, agus chuir iad taigh an neach-cuir na theine.

Thug Arm Bhreatainn còrr is mìos mus d' fhuair iad smachd air a' chùis. Chaidh co-dhiù 340 tràill a rinn ar-a-mach a chrochadh no a mhurt an dèidh na cùise.

Tràillealachd sa Charibbean: ar-a-mach agus cur às do thràillealachd

Na Maroons

Bha na Maroons ann an Iameuga nam measgachadh de mhuinntir an eilein agus de thràillean a bh' air teiche agus a bha am falach ann an Iameuga.

Fad còrr is 80 bliadhna, chùm iad aca fhèin a' fuireach anns na beanntan. Bho àiteachan falaich iomallach, thug iad ionnsaigh air na planntachasan.

Chleachd iad innleachd guerrilla airson seasamh an aghaidh feachdan Bhreatainn. Ann an 1739, chaidh aonta-sìthe a dhealbh eadar Breatainn agus na Maroons.