Eagal ro ar-a-mach

A' faighinn air falbh bho thràillealachd

Bha tràillean a' dèanamh rudan èiginneach, cunnartach airson feuchainn ri faighinn air falbh bho thràillealachd, mar:

  • fèin-mhurt
  • murt
  • teiche
  • ar-a-mach

Do luchd-seilbh geal nan tràillean, bha an cunnart bho ar-a-mach na dhuilgheadas mòr. Ma bha tràillean ri ar-a-mach, bha sin cosgail agus bha fada a bharrachd thràillean air na planntachasan na bh' ann de mhaighstirean geala.

Ar-a-mach thràillean air an t-Slighe Mheadhain

An Jolly Batchelor: bàta thràillean

Ann an 1742, fhad 's a bhathar a' toirt thràillean air bòrd air Abhainn Sierra Leone, chaidh ionnsaigh a thoirt air a' bhàta, an Jolly Batchelor, agus chaidh a gabhail thairis le tràillean Afraganach. Chaidh an criutha a mharbhadh san t-sabaid agus chaidh na h-Afraganaich eile a bha san toll aice a shaoradh.

Ar-a-mach thràillean air planntachasan

Bha cuid de thràillean Afraganach air na planntachasan a' sabaid airson an saorsa le bhith a' cleachdadh ar-a-mach tàmhach (ag obair air an socair) no a bhith a' teiche. Dh'fhàs an àireamh a bha a' teiche cho mòr 's gun do chuir a' mhòr-chuid de dh'eileanan nan Innseachan an Iar laghan an gnìomh airson dèiligeadh ris an duilgheadas agus ri seòrsa sam bith eile de dh'ar-a-mach.

Eisimpleirean dhe na laghan sin:

Antigua - Fuilingidh tràill sam bith a theicheas airson trì mìosan no barrachd am bàs, call ball bodhaig no cuipeadh, a rèir breith dithis bhritheamhan.

St Christopher - Faodaidh neach geal, no saoranach eile, tràill a lorgas iad air falbh bhon phlanntachas aca gun chead an neach-seilbhe a chuipeadh.

Barbados - Thèid tràill a nì fòirneart air Crìosdaidh a chuipeadh gu dona a' chiad turas a thachras e. Air an dara eucoir, thèid an tràill a chuipeadh gu mòr. Thèid a shròn a ghearradh agus cuirear comharra air aodann le iarann teth. Air an treas eucoir, bu chòir peanas nas motha a thoirt dhan tràill.

Seòrsachan ar-a-mach an aghaidh tràillealachd