Gnothaichean maoineachaidh

Prothaid à obair thràillean

B' e coloinidhean nan Innseachan an Iar, a bhuineadh do Bhreatainn, na coloinidhean a bu phothaidiche a bh' ann an 1800. Rinn am beagan Bhreatannach a bha nan luchd-cuir fortan mòr.

An dèidh 1791, b' e eileanan Breatannach a' Charibbean a bu mhotha a bha a' dèanamh de shiùcar, agus cha b' fhada gus am b' e na Breatannaich a bu mhotha a bha ga chleachdadh.

Eadar 1630 agus 1807, rinn marsantan thràillean Bhreatainn mu £12 millean de phrothaid. B' e tràillean a bha a' dèanamh mu 75% de mhach-bhathar amh bho na coloinidhean ùra.

Bancaichean agus àrachas

Bha e a' toirt ùine mhòr agus bha e daor bàta thràillean fhaighinn deiseil airson malairt an triantain. Bheireadh e 's dòcha còrr is bliadhna mus tilleadh bàtaichean a Bhreatainn agus a dhèanadh iad prothaid. Mus pàigheadh iad airson bhòidsichean mar sin, dh'fheumadh marsantan airgead fhaotainn airson a' chiad chosgaisean a phàigheadh.

Thug Banca Shasainn seachad airgead calpa airson bhòidsichean thràillean.

Ach bha e cunnartach ge-tà a bhith a' seòladh thar an Atlantaig, agus bha cunnart mòr ann gun caillist an cargu de dhaoine agus cargu eile air an t-slighe. Thug an comann àrachais as sine a th' ann am Breatainn, Lloyds Lunnainn, seachad àrachas airson bàtaichean nan tràillean.