Draghannan creideimh

Argamaid nan Crìosdaidhean a bha airson tràillealachd

Bha diofar bheachdan aig Crìosdaidhean san 18mh linn air tràillealachd.

Bha cuid de Chrìosdaidhean dhen bheachd gun robh e moralta gu leòr tràillean a bhith agad. Bha mòran cuideachd ag argamaid aig an àm sin gur e aon dhe na buannachdan a bh' aig tràillealachd gun robh tràillean a' cluinntinn mu Chrìosdaidheachd agus a' faighinn bhuannachdan bho shìobhaltas.

Crìosdaidhean an aghaidh tràillealachd

Bha cuid de Chrìosdaidhean airson na tràillean a shaoradh oir bha eagal Dhè orra co-cheangaile ri peacadh tràillealachd. Bha iad ga fhaicinn mar nì a bha mì-chothromach agus olc, agus bha iad ag iomairt airson cur às dha.

Buaidh creideimh air cur às do thràillealachd

Bha grunn dhòighean aig buidhnean Crìosdail a bha an aghaidh tràillealachd air sin a shealltainn:

  • Bha na Caocairean air a dhol an sàs tràth san iomairt airson cur às do thràillealachd. San Ògmhios 1783 chaidh tagradh chun na Pàrlamaid bho Choinneamh Bhliadhnail Lunnainn, air a shoidhnigeadh le còrr is 300 Caocaire agus iad an aghaidh malairt nan tràillean.
  • Thuirt John Wesley gur e slaightearachd nan slaightearachd a bh' ann an tràillealachd agus thug e fiosrachadh mionaideach mun droch dhìol a bha na chois ann am bileag a chaidh fhoillseachadh ann an 1774.
  • Chaidh searmon a chumail ann an Eaglais na Stìopaill ann an Dùn Dèagh ann an 1832. Aig deireadh na coinneimh chaidh an Comann an Aghaidh Tràillealachd a stèidheachadh.
  • Thòisich an Eaglais Chaitligeach cuideachd a' dèanamh barrachd càinidh air tràillealachd mun àm ud. Ann an 1741 chuir am Pàp Benedict XIV an aghaidh tràillealachd san fharsaingeachd. Ann an 1815 dh'iarr am Pàp Pius VII cur às do mhalairt nan tràillean.