Draghannan daonna

Bha do bheatha cruaidh agus borb ma bha thu nad thràill. Bha suas ris an treas cuid a' bàsachadh air an t-Slighe Mheadhain. Bha trian eile a' bàsachadh air na planntachasan taobh a-staigh beagan mhìosan. Bha feadhainn eile a' bàsachadh bho obair ro chruaidh.

Bha tràillean leis an luchd-seilbh gheal a bha gan ceannach, agus cha robh còraichean aca.

Mar a bhiodh a' tachairt do thràillean

Bha seo a' ciallachadh:

  • A bhith air an cumail ann am factaraidhean thràillean air costa Afraga an Iar.
  • Amhghair uabhasach air an t-Slighe Mheadhain, a dh'fhaodadh am bàs a thoirt dhaibh. Air bàta thràillean, bha aig na tràillean ri cur suas ri suidheachadh salach, grànda ann an toll a' bhàta, droch làimhseachadh a' chriutha (sràcadh agus èigneachadh), a bharrachd air tinneas.
  • Eagal uabhasach nuair a bha iad gan reic aig rup ann am puirt a' Charibbean. Bha caraidean agus teaghlaichean air an sgaradh san dòigh sin, agus glè thric chan fhaiceadh iad a chèile gu bràth tuilleadh

Bha tràillean nach deigheadh a reic aig na rupan na bu mhiosa dheth buileach. Uaireannan bhiodh luchd-seilbh nam planntachasan gan ceannach saor agus iad an dùil an obrachadh gu bàs.

Dh'fhaodadh gun deigheadh tràillean a bha air am meas eas-umhail no doirbh a chur a 'champaichean grèidhidh'. Uaireannan bha feadhainn a bha ro lag, no ro thinn, airson an reic air am fàgail gus am bàsaicheadh iad.