Cearcall a' Chuain test questions

1

Dè am facal a tha a' ciallachadh an aon rud ri cuan?

2

Dè tha a' gheòla ann an loidhne 6 a' riochdachadh san rann seo?

3

Leugh loidhnichean 5-6 a-rithist. Dè an seòrsa comhardaidh a tha a' nochdadh sna loidhnichean seo?

4

Leugh loidhne 8 a-rithist. Dè tha na bàird a' ciallachadh leis an fhacal toinisg sa co-theacsa seo?

5

Dè a' bhuaidh a th' aig an uaim ann an loidhne 10?

6

Dè tha na bàird a' ciallachadh nuair a tha iad ag ràdh gu bheil a' mhuir gamhlasach agus domhainn?

7

Carson a tha na bàird ag ràdh gu bheil sinn dall ann an loidhne 13?

8

Carson a tha na bàird ag ainmeachadh Uibhist ann an loidhne 20?

9

Dè a' bhuaidh a th' aig an taghadh-facail machair geal ann an loidhne 23?

10

Smaoinich mun phìos gu lèir. Dè an teachdaireachd a th' aig na bàird?