Ceistean is freagairtean air bàrdachd Cearcall a' Chuain

Question

9. Carson a chleachd na bàird ath-aithris aig toiseach rann 3?

'S e Cearcall a' Chuain tiotal na bàrdachd. Tha an ath-aithris a' cur ris a' bheachd gur e rud cearcallach a th' ann am beatha. Tha an ath-aithris cuideachd a' cur ris an ruitheam a tha coltach ri gluasad na mara: cunbhalach, ath-aithriseil agus maireannach.

Question

10. Mìnich an ìomhaigh Cearcall a' Chuain a tha a' nochdadh ann an tiotal a' phìos agus ann an loidhne 21.

Tha an cuan a' riochdachadh ar beatha agus leis a sin, tha na bàird den bheachd gur e rud cearcallach a th' innte. Bidh sinn a' fàs suas, a' fàgail ar dachaigh agus a' leantainn slighe ar beatha. Ach, aig a' cheann thall, coltach ri cearcall, tillidh sinn dhan àite far an do thòisich a' chuairt. 'S dòcha nach till sinn dhan àite sin an da-rìribh, ach gu spioradail, bidh ar cridhe an sin.

Question

11. Leugh loidhnichean 21-24 a-rithist. Mìnich an ìomhaigheachd a tha a' nochdadh aig deireadh an rain.

Tha na bàird a' cur ris a' bheachd gur e cearcall mòr a tha nar beatha agus gun cuir sinn seachad tìde air falbh a' seòladh ach, gun till sinn, aig a' cheann thall chun an toisich. Tha na bàird a' coltachadh na slighe seo ri latha, agus tha seo a' sealltainn nach eil ar beatha ach meanbh an taca ris an t-saoghal mhòr a tha mun cuairt oirnn – chan eil ann ach aon latha.

Question

12. A' smaoineachadh mun bhàrdachd gu lèir, seall mar a tha structar air a chleachdadh gu soirbheachail sa bhàrdachd.

Tha ruitheam socair agus cunbhalach sa bhàrdachd. Tha sin a' dol leis an ìomhaigheachd mara a tha aig cridhe na bàrdachd, oir tha na loidhnichean agus na rannan a' gluasad mar thuinn na mara, an-còmhnaidh ag èirigh 's a' tuiteam. Dh'fhaodadh gu bheil na bàird a' feuchainn ri cur an cèill gum bi gnothaichean nar beatha a' dol suas is sìos an-còmhnaidh, ach gur e rud nàdarra a tha seo agus gun tachair sin gu bràth agus gum b' fheàirrde sinn gabhail ris.

Move on to Test
next