Ceistean is freagairtean air bàrdachd Cearcall a' Chuain

Question

5. Seall mar a tha na bàird a' cleachdadh ìomhaigh na gaoithe ann an loidhne 5 airson am beachdan air bith a chur an cèill.

Tha na bàird ag innse dhuinn gu bheil a' ghaoth air ar cùl. Tha sin a' toirt oirnn smaoineachadh gu bheil rudeigin gar putadh air adhart, ge b' oil leinn. Ann am beachd nam bàrd, 's ann mar sin a tha ar beatha: feumaidh sinn cumail oirnn, coltach ris a' gheòla, oir tha rudeigin an-còmhnaidh gar putadh air adhart.

Question

6. A' smaoineachadh air rann 1 gu lèir, beachdaich air ciall nan loidhnichean 7 agus 8.

Tha na bàird a' sealltainn dhuinn nach eil làn smachd againn air na tha a' tachairt nar beatha no air am bi toinisg no rian ann. Feumaidh sinn ar slighe-beatha a leantainn agus gabhail ris nach bi fios againn dè tha a' dol a nochdadh no dè tha air fàire.

Question

7. Leugh loidhnichean 9-12. Seall mar a tha na bàird a' cur an cèill am beachdan air a' mhuir le liosta agus ath-aithris.

Tha na bàird a' cruthachadh liosta fada a tha ag ainmeachadh feartan na mara, me, fiadhaich agus farsainn. Tha iad a' cleachdadh ath-aithris san liosta seo Tha i.... Tha seo a' sealltainn dhuinn cho caochlaideach 's a tha feartan na mara.

Question

8. Leugh loidhnichean 9-12 a-rithist. Carson, nad bheachd-sa, a tha na bàird air seachd diofar bhuadhairean a chleachdadh nuair a tha iad a' bruidhinn mun mhuir?

Tha a' mhuir a' riochdachadh ar beatha sa bhàrdachd seo. Coltach ris a' mhuir, tha iomadh taobh agus feart a' nochdadh nar beatha. Uaireannan tha i àlainn is uaireannan fiadhaich. Tha na bàird ag innse dhuinn nach eil fios againn le cinnt cò ris a bhios ar beatha coltach, ach gum bu chòir dhuinn a bhith deiseil airson faireachdainnean agus dùbhlain diofraichte.