Ceistean is freagairtean air bàrdachd Cearcall a' Chuain

Question

1. Ciamar a tha na bàird a' glacadh aire an leughadair sa chiad loidhne?

Tha na bàird a' bruidhinn gu dìreach ris an leughadair sa chiad loidhne:

Tha sinn uile air cuan

Le bhith a' cleachdadh an riochdair phearsanta sinn, tha na bàird gar tarraing a-steach gu cuspair na bàrdachd, is an leughadair a' faireachdainn gu bheil buntainneas aig cuspair na bàrdachd riuthasan gu pearsanta.

Question

2. Seall mar a tha ìomhaigheachd air a cleachdadh ann an loidhnichean 1-2.

Anns na loidhnichean seo, tha na Dòmhnallaich a' samhlachadh na cuairt-bheatha ri bhith aig muir. Tha iad a' cleachdadh fhaclan mar cuan, cuairt agus stiùireadh airson ìomhaigheachd seòlaidh a chruthachadh. Tha e coltach gu bheil na bàird a' faicinn choltasan eadar neach a' feuchainn ri slighe a lorg nam beatha agus seòladair a tha a' feuchainn ri a shlighe a stiùireadh air a' chuan.

Question

3. Beachdaich air loidhne 3. Mìnich carson a tha na bàird ag innse dhuinn gur ann air geòla dhorch a tha sinn a' seòladh?

Tha am facal dhorch a' cur ris a' bheachd gur e rud dìomhair a th' anns a' chuan agus gu bheil an t-slighe air a bheil sinn neo-shoilleir.

Dh'fhaodadh gun do thagh na bàird am facal geòla a dh'aona-ghnothaich. 'S e bàta beag a th' ann an geòla air a bheil seòl agus a ghabhas stiùireadh le aon neach. Tha sin a' cur cuideam air cho beag 's a tha am bàta an taca ris a' mhuir, coltach rinn fhèin an taca ri farsaingeachd ar beatha.

Question

4. Seall mar a tha na bàird a' cur an cèill cho cumhachdach 's a tha a' mhuir ann an loidhne 4.

Tha na bàird ag innse dhuinn gu bheil sinn air chall innte. Tha seo ag innse dhuinn gur e rud mòr agus tomadach a th' anns a' mhuir. A thuilleadh air a sin, tha iad a' cleachdadh an fhacail grèim. Tha am pearsanachadh seo a' toirt oirnn smaoineachadh gur e rud beò a th' anns a' mhuir, agus gum faod cumhachd a bhith aice oirnn.