Cuspairean agus teamaichean ann an Cearcall a' Chuain

Cumhachd a' chuain

Tha an cuan air a chleachdadh mar mheatafor airson cuairt-bheatha mhic-an-duine. Ach, tha e cuideachd follaiseach gu bheilear ga fhaicinn mar nì sònraichte. Tha iomraidhean ann air meud a' chuain, a bhòidhchead agus a chumhachd.

Bith

Chithear gu bheil na Dòmhnallaich a' smaointinn gur e rud iongantach a th' ann am bith agus beatha. Tha iad a' beachdachadh air na slighean a tha sinn a' leantainn, na rudan a tha a' toirt buaidh air an t-slighe sin agus mar a tha sinn a' gabhail ri na rudan a thig am bàrr.

Cuairt-bheatha

Tha na bàird a' sealltainn gur e rud iongantach agus uaireannan mì-chinnteach a th' ann am beatha agus bith, ach gur ann mar sin a tha ar saoghal agus leis a sin, gum feum sinn gabhail ris agus ar slighe a dhèanamh troimhpe.

Tha iad cuideachd a' beachdachadh air cearcall na beatha agus gun till sinn chun an toisich aig a' cheann thall – 's mathaid dhan àite far an do rugadh sinn no far an deach ar togail.